Skip to main content

‹‹‹ prev (185) Page 181Page 181

(187) next ››› Page 183Page 183

(186) Page 182 -
198
EAGLA1S SHAOR NA H-ALBA.
[lanuaraidh 1. 1878.
tha an sud a' sgriobhadh mar so a dh' ionnsuidh Mr
Hope, cleireach a Cholonial Committee.
" Hobart Town, 6th July 1877.
" A Bhrathair Gradhaich, — Tha e air iarraidh
orm le Cleir an eilein so, sgriobhadh a' d' ionnsuidh,
agus innseadh do 'n Chommittee, mar a tha sinn
air ar cumail air 'ar n' ais, a dh' easbhuidh mhinis-
tearan. Tha sè sgireachan againn aig a eheart am
so, gun aon mhinistear air an son. Tha sinn com-
asach agus deònach, air da cheudpunndSasunnach'sa
bhliadhna a thoirt do gach ministear. Air chul so,
cha-n urrainn daoine òga a theachd gu dùthaieh na
's tioraile, agus na 'a fallaine, no an dùthaich so.
chionn tri bliadhna, tha ar trèudan, cruidh agus
chaorach,air dol gu mòr an lionmhorachd— mòran
tuilleidh talmhainn air a thoirt fo chrànn ; agus
maille ri so meinean de gach seorsa air am fos-
gladh. Tha so air toirt mòran sluaigh da 'r n-ionn-
suidh. Uime sin tha an raon a sior dhol am
farsuinneaehd ; aeh tha an luchd saothrachaidh
teare. Thugaibh so fainear, gu dùrachdach, agus
cuiribh cobhair da 'r n-ionnsuidh."
VICTORIA.
Tha Dr Macdonald aon de Mhinistearan Mhel-
boune, anns a Mhòr Roinn so, a' sgriobhadh
dhachaidh, mar a leanas : —
"Tha mi an dòchas gu 'm bheil Mr Caimbeul a
baile Geelong, a chuir sinn da 'r n-ionnsuidh, dlù air
tir. Tha nji 'n dòchas mar an ceudna, gu 'n cuir e
iompaidh air ministearan a thighinn a mach an so.
Tha fiehead co-thional againn, gun aon mhinistear
dhoibh. Tha dha dheug de ghillean òga ann an
College na 'm ministearan againn, ach gabhaidb iad
nine fathast mu 'm bi iad deas air son searmonach-
adh. Cuiribh ministearan a mach gu dlù."
NEW ZEALAND.
Tha Dr Stuart a tha na Mhinistear an Duneidin
'sa chearnaidh so, a' toirt cunntas taitneach mu
shoirbheachadh aobhar an Tighearna. Ars' esan : —
Tha Mr Borrie ajr gairm fhaotainn o choi-
thional Waiholo.
" Tha Mr Cameron air gairm fhaotainn o cho-
thional Waireka ; agus tha Mr Ewen, Mr Niven,
agus Mr Cowie, a' saothrachadh ann an Stations,
sin ri ràdh, ionadan far am bheilear aig iarraidh
co-thionalan a chur suas."
Tha Mr Sidey a tha na Mhinistear ann am Baile
Napier, 'san Eilean so, a' sgriobhadh : — " Tha Mr
Riddel air a shuidheachadh, agus air dol a dh'
ionnsuidh na cearnaidh a th' air a sònrachadh dha,
Bha e 'na bhrathair dileas dhomhsa. Tha sinn gu
mòr air ar saruehadh an so, a dh' easbhuidh
mhinistearan ; ministearan aig am bitheadh an da
chuid, ionnsachadh agus diadhachd. Bu mhaith
leinn an dithis a bhi an cois a' cheile.
Tha Mr Elmslie a' tha na Mhinistear ann am
Baile Christehureh, a' ràdh ri Mr Hope, 'na litir : —
" Bi cinnteach ge d' chuireadh tu triuir mhinistearan
a mach, an àite aoin, gu 'm faigheadh iad pailteas
ri dheanamh, agus £250 anns a bhliadhna, gus am
bitheadh iad air an suidheachadh. Tha an Eaglais
ùr againn 'ga togail. Tha i gu bhi cosgail. Ach
bithith tuilleadh farsuinneaehd innte na tha 'san
eaglais a tha sinn gu fhàgail. Cha 'n eildlù air àite
againn anns an t-sean Eaglais airson na tha deònach
air iad fèin a cheangal ruinn."
Tha mòran tuilleadh ri innseadh de 'n t-seòrsa
so o gach cearnaidh de New Zealand. Ach cha ruig
sinn a leas aig an am so, a chur sios. Tha ar
braithrean anns na cearnaidhean ud gu leir, a' sior
chur fios air ministearan ; ag innseadh mar a tha
an raon a sior dhol am meudachd — an sluagh a
sior dhol an lionmhorachd, agus uime sinn a cur
glaodh an deigh glaoidh, airson luchd-saothrachaidh.
Gu cinnteach thaco-fhaireachadh againn riu ; agus
dhùraichdeadh an Eaglais furtachd a dheanamh
orra. Ach tha sin duilich innseadh, am feadh a tha
am foghar mòr gu 'm bheil an luchd-oibre teirc. Gu
'm b' ann a thogadh Dia suas, luchd-saothrachaidh
airson 'fhoghair fèin.
Tir Mhor na Roinu Eorpa.
Cha 'n urrainn aon aig am bheil a chridhe ann
an aobhar an Tighearna, agus aithne air an raon
so, gun a bhi gu trie a' beachd-smuaineachadh
cionnas a tha an t-aobhar a' cinneachadh ann. Anns
a Ghearmailt tha an Eaglais Phrotestantach gumòr
an comas luchd-riaghlaidh agus sluagh, nach 'eil fo
smachd na firinn mar a tha i ann an Criosd ; agus a
tha iad a' deanamh na 's urrainn iad, a chum teag-
asg beò, fallain, an t-soisgeil a chur sios. Anns
an Olainnd dh' eirich co-strith cho dhian na 'm
measg mu phongan teagasg, agus gur ann a theap
buill na h-Eaglais bhi gu tur air an dealachadh o
cheile. Fadheoidh fhuair an earrann a bha air
taobh na firinn, a' bhuaidh. Ach tha inntinnean
an t-sluaigh, air an luasgadh air leithid a dhoigh,
agus mar a thubhairt neach àraidh " Cha mhor
nach eil naire orm a bhi a' dol idir a dh'
eisdeachd." Bha so, a chionn mar chain iad a
cheile, anns an deasboireachd a bh' aca. Tha
so gu cinnteach na chron do aobhar an Tighearna.
Anns an Fhraing, tha cuisean ro neo-steidhichte.
Agus cha 'n fheairrd an gnothuch idir gu 'm bheil
Mr Bersier, Mr Monod, agus Mr Bost, ministearan

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence