Skip to main content

‹‹‹ prev (184) Page 180Page 180

(186) next ››› Page 182Page 182

(185) Page 181 -
Januaraìdh 1. 1878.] IOMRÀDH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
197
'm bheil sè mile cruinn a cheana. Tha an
coimlithional a' feuchainn nacli 'eil iad ag amharc
air an nithibh fein a mhàin, oir thionnsgain iad air
earann uireasbhuidheach a shaoithreacbadh, agus
tha deicb 'ar fhichead de bhuill a' choirnhthionail
air an cleacbdadh, ann an aon ratbad no rathad
eile, anns an t-seirbhis.
IoNMHAS TOGAIL EaGLAZSEAN.
Dh' ainmicb sinn 's an àireamh mu dheireadb
gu 'n do sbònruicb an t-Ard-Sheanadb gu 'n rachadb
oidhirp a thoirt air ceud mile punnd Sasunnach a
chur cruinn mar ionmbas as am bitheadh cuideach-
adb air a thabhairt air son Eaglaisean ùra a thogail.
Cba robh e comasach mòran a dheanamh rè an
t-samhraidh agus an fhogharaidh chum an run so
a tboirt gu buil, do bhrigh aig an àm sin de 'n
bbliadhna, tba sluagh — agus gu b-àraidb a' chuid
a 's eothromaiche 'n an crannchur — sgapta anns
gach àite air son an slàinte. Ach a nis, air dhoibh
pilltinn dachaidh, tbathar a rùnachadb a rireadb dol
an dàil a' ghnothuich. Tha ullachadh 'g a dheanamh
air son coinneamban follaiseach a ghairm anns na
bailtibh mora mu' thimchioll ; agus tha dòchas mu
'n teirig an geamhradh gu 'm bi an tir o cheann gu
ceann air a dùsgadh suas gus an t-aobhar cud-
tbromacb so a chur air aghaidh.
Obair nan Soisgeulaichean.
Bithidh e an cuimhne ar luchd-leughaidh gu 'n
do chomharraicheadh ministearan àraidh leis an
Ard-Sheanadh gu saoithreacbadh mar shoisgeul-
aichean, re da mhios de 'n bbliadhna, an sud 's an
so feadh na tire, ge be àit am faigheadh iad dorus
forgailte. Tba sinn a' faotainn cunntais mhaith mu
'n obair à caochladh chearnan. Tha ministeirean
anns na h-àitean dh' ionnsuidh an deachaidh iad
a' toirt fianuis mu 'n mhaith a bha cuid diubh 'n
am meadhon air a dheanamh, cho fad 's a 's urrainn
duine breith a thoirt, ann am beothachadh pobuill
an Tighearna, agus ann an dùsgadh iomadh a bha
mi-chùramach.
IOMRADH
Mu Shaothair na h-Eaglais Saoire, anns na Colonies.
Tha an t-iomradh a leanas, air a tharruing o leabhar
bheag, a bh' air a chur a mach o chionn ghoirid,
ambaileMhelbourne an Australia; agus a tha'nochd-
adh cionnus a tha obair an Tighearna a' soirbh-
eachadh anns an tir ud.
" Tha beannachdan spioradail gu saoibhir air an
doirteadh oirnn ; agus ga 'r deanamh subhach, mar a
tha na frasan uisge ag ùrachadh talaimh thioraim.
Tha aghaidh an t-saoghail air a mhaiseachadh le
teachd an earraich, agus air mhodb spioradail, tha
an t-earrach air tighinn oirnne mar an ceudna."
Tha am seinn nan eun air teachd. Tha a' choinn-
eamh ùrnuigh a th' air a cumail gach latha anns
abhaile so, na coinneamh mhòir— mu mbile pearsa,
agus an còrr a' cruinneachadh maille ri chèile, a dh'
iarraidh an Tighearna. Tha na ceudan anns gach
cearnaidh de 'n tir a tha mar so a' cruinneachadh
do thigh na h-ùrnuigh gach latha, a' nochdadh gu
ro shoilleir, gu 'm bheil an Tighearna da rireadb ann
ar measg. Thugadh, uime sin, gach neach, a tha 'g
aideachadh an Tighearna, ach nach eil a' toirt
gnùis do na ghluasad bheannaichte so, fainear na
briatbran a leanas ; " mallaichibhse Meros," thubh-
airt aingeal an Tighearna, " mallaichibh gu mùr a
luchd-àiteachaidh, a chionn nach d' thainig iad gu
còmhnadh an Tighearna, gu còmhnadh an Tighearna
an aghaidh nan cumhachdach."
Tha aon de Easbuigean na h-Eaglais Sasunnaich
ann am Mòr-Romn Victoria, a' labhairt mar a leanas
ri muinntir na h-Eaglais aige fèin. Ars' esan, " Tha
an duthaich so 'na dùthaich bhreagh, bheartach, ach
cia mòr a fèum air luchd-saothrachaidh am fion-
lios an Tighearna ! Nam faighinn leth-cheud do 'n
tir so, de na ministearan, aig nach eil ach beag ri
dheanamh aig a bhaile, bheirinn do gach fear
dhiubh, sgire a bhitheadh tri fichead mile air fad,
agus fichead mile air leud, agus bhitheadh so, cha-n e
mhain a chum glòir an Tighearna, le bhi 'cur
a rioghachd am farsuinneachd, ach gu mòr a chum
an leas fèin. Bhitheadh gach fear dhiubh aig
am bitheadh a chridhe anns an obair, agus a'
saothrachadh innte cho sona agus a tha 'n là cho fada.
"0 na 'n robh daoine againn ! " ars esan. Agus
nach' eil e a cheart cho fior a thaobh an raoin a'
thug an Tighearna anns na cearnaidhean ud do 'n
Eaglais agaiun fein. Thugaiuaid so fainear.
TASMANIA.
Ghoirte roimhe so " Van Dieman's Land," de 'n
eilean so. Tha Mr Scott aon de na ministearan a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence