Skip to main content

‹‹‹ prev (170) Page 166Page 166

(172) next ››› Page 168Page 168

(171) Page 167 -
'Òetober I. 1S77.] 10MRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
1S3
" Rainig mi air Di-Màirt an ccathramli là fichead
do mhios deireaunach an t-samhraidli. Cha b'
urrainn mi coinneamh a chumail gu De-sathuirne ;
ach chaidh mi am measg nana bàtaichean 's a'
chaladh, agus labhair mi ris na daoine carann mhòr
de gach latha. Bha iomadh a dli' aithnich mi,agus
ghabh an t-iomlan diubh rium gu suilbhir, càirdeil.
Bha coinneamh agam, maille ri Mr Risset, air an
t-sràid, Desathuirne. Air an t-Sàbaid sbearmonaich
mi an Eaglais Mhr Bisset, do choimhthional mòr
agus aig tri uaiiean shearmonaich mi air an t-sraid
far an robh mu mliìle pearsa cruinn. Cha-n e
mhàin gu : n robh aire air a thoirt do 'n fhocal, ach
air leam gu 'n robh mar an ceudna fìor dhrùigheadh
air a dheanamh leis. Shearmonaich mi rithist aig
ochd uairean mu fheasgar air an t-sràid, far an robh
mu thimchioll dà mhìle agus cùig ceud a làthair.
Bha an t-seinn air a togail le buidhinn iasgairean,
agus bha cuid dhiubh as gach earann de 'n dùthaich
air an gairm a dh' ùrnuigh.
Chuir na daoine an cèill an taingealachd air son
teachdaircan bhi air an cur do 'n ionnsuidh.
A' CIIEUD CnOMANACDADn ax Ettrick.
Mar a dh' aithris sinn roimhe so, thaàite-searmon-
achaidh air fhosgladh ann an Ettrick, an sgireachd-
's an robh Tòmas Boston urramach. Bha òrdugh
na Suipeir air a fhrithealadh 's an àite o chionn
ghoirid. B' e an t-àit-aoraidh tigh-tasgaidh sii, no
granaraidh, air bhi do 'n tigh-sgoile mo 'us beag.
Chruinnich còmhlan mòr sluaigh. Tha Mr Giles,
am ministear a tha 'n a cheann-suidhe air an t-
seisein, ag ràdh : — " Tha na h-uile o 'n taobh mach
ag amharc glè ghealltuinneach. Cha-n 'eil mi di-
chuimhneach air iomadh ni a dh' fheudas dearbhadli
a chur oirnne air am bheil cùram an àite, agus a
chuireas dearbhadh air seasmhachd an t-sluaigh,
ach tha mi da rireadh de 'n bheachd gu 'n do
bheannaich an Tighearna gu mòr ar n-oidhirpean
an co-cheangal ri coimhthional a chur suas ann an
Ettrick. 1 ha dorus mòr air fhosgladh air son an
soisgeul a shearmonachadh ann an raon a tha ann
an coimcas ùr ; gu 'n deònaich e gràs dhuinn gu
feum a dheanamh de na cothroman luachmhor a
tha mar so air an deùnacbadh ! "
IOMRADH
Mu Shaothair ar n' Ea<rlais anus na Colonies.
BriA e air ainmeachadh, aig an Ard Sheanadh mu
dheireadh, le ceann-suidhe na buidhne air a' bheil
curam nan Colonies, gu 'n deach' seachd deug de
dhaoin' cga a mach a dh' ionnsuidh an raoin so,
air a' bhliadhna 'chaidh seachad. Gidheadh, tha
sinn duilich innseadh, an deigh so uile, gu 'm bheil
an raon fada 'o bhi air a làn shaothrachaclh. Uime
sin, tha oidhirp as ùr gu bhi air a toirfc, a chum
easbhuidh nan Colonies a chuir fa chomhar na
h-Eaglais, an dòchas gu 'm bi tuilleadh de dhaoin'
oga air an gluasad, gu iad fein a thoirt suas do
aobhar an Tighearna anns na cearnaidhean ud.
Tha Br Macdonald a tha 'n a mhinistear ann am
Victoria, a' sgriobhadh mar a leanas. Tha mi 'n
dCchas gu 'm bheil Mr Caimbeul o Geelong fagus
air an tìr dhuchasaoh. Tha mi mar an ceudna an
dòchas gu 'n soivbhich leis, ann a oidhirp gu
tuilleadh mhinistearan fhaotainn do na cearnaidh-
ean so. Tha moran cho-thionalan an so gun
mhinistear. Ghabhamaid fichead ministear na 'm
faigheamaid iad ; ach cha-n eil iad ri 'm faotainn,
agus cha-n eil fios againn ciod a ni sinn. Guidh-
eamaid, gu 'n dean an Tighearna furtachd oirnn ;
agus gu 'n cuir e luchd saothraichidh a dh' ionnsuidh
an raoin fharsuing a tha an so.
Tha Mr Matthew Brown a' sgriobhadh o Lunnain
— Africa mu dheas, mar a leauas. Rainig sinn an
t-ionad so 'o chionn seachduin. Bha turus tait-
neach soirbheach againn ; agus an uair a rainig sinn
tir, chaidh failt' us f uran a chuir oirnn, le na càirdeau
a choinnich sinn, a lion ar cridhe le aoibhneas. Tha
sinn a' fantuinn maille ri Mr Lester, aon de eild-
earan a' cho-thionail ; agus do 'm bheil an Eaglais
againn fo mhor chomain anns a bhaile so. O na
chunnaic mi air an t-shàbaid a chaidh seachad, agus
na chuala mi o sin, tha mor dhòchas againn a thaobh
ar n' eaglais. Tha an co-thional so a' dol an lion-
mhorachd o Shàbaid gu Sàbaid. An dè bha an
tigh-coinnimh làn ; agus cuid nach faigheadh a
steach.
MADEIRA.
Tha Mr Angus a' sgriobhadh mar a leanas : " Tha
m' uine anns an eilean so, air tighinn gu ceann.
Tha mi toilichte gu 'n d' fhan mi cho fada, agus
gus an t-Sàbaid mu dheireadh, lean an sluagh air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence