Skip to main content

‹‹‹ prev (126) Page 122Page 122

(128) next ››› Page 124Page 124

(127) Page 123 -
October 2. 1876.]
10MRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGE1L.
123
'■ 'Cha-n i toil 'ur n-Athar ata air neamh gu 'n
raehadh aon neach de 'n mhuinntir bhig so a chall "
(Mata sviii. 14).
" Tha Daniel Landsmann, fear-cuidich ann an
seirbhis na Mission Albanaich, agus mac spiora-
dail Mhr Stern nach maireaun, an dèigh mòr shao-
thair agus iirnuigb, air seilbb 'fhaotainn air cloinn
a phe.ithar air son an ionnsacbadb. Tha ann
giullan, uaoi bliadhna, agus caileag, seachd bliadbna
dh' aois. Tha iad le chèile a taisbeanadh faireach-
duinn a thaobb na firinn, agus tha iad toilichte le
'n suidheachadh aui measg Chriosduidhean.
"Chaghabb foghlum na cloinn: so bbi air aghiiilan
air aghaidli gun chuideachadb o na h-uile aig am
bheil niuinghiu mar a 's airidh e. ann an Lundsman
ionmhuinn, agus aig am bheil spèis, mar tha aig an
Tighearna. do chloinn bhig. Bithidh sinn ro shubh-
ach cùram a ghabhail do thabhartas air bith a
bheirear seachad air son na cloinne so a tha fo
churam seirbhisieh aithnichte Chriosd."
As a' phaipeir cheudna tha an t-iomradh a leanas
againn mu Iudhach ann an Chicago, an America.
Tha an t-iomradh air a thoirt o aithris Mhr
Moody : —
" Maidinn àraidh ann an Chicago, bha mi a'
pilleadh dhachaidh o choinnimh-urnuigh. Thainig
duiae a' m' ionnsuidh ann am mòr ghluasad inntinn,
agus dh' fheoraich e an robh an t-seirbhis seachad.
' Tha.' ' Mo tbruaigbe ! ' ars esan, tha mi tuilleadh's
anmocb ; an urrainn thu mo thoirt dh' ionnsuidh a'
mhinisteir a bha air ceann na seirbhis ? ' Is
urrainn,' thuirt mi, agus threoraich mi stigh e.
An deigh do 'n mhinisteir beagan a labhairt ris,
thuirt e riumsa, ' Tha agamsa ri dol a dh' amharc
neach a tha ri uchd bàis ; labhair ris an duine ; thà
e iomaguinneach mu cbor 'anama.' Dh' fhosgail mi
am Biobull, agus dh' fheoraich mi dheth ciod a bha
e 'g iarraidh. Fhreagair e, ' Bha mi an dè a' dol
seachad air eaglais Chriosduidh. Innsidh mo
ghnuis gur Iudhach mi. Cha robh mi riamh roimhe
ann an eaglais Chriosduidh. Chuala mi an t-seinn
agus thaitinn i rium, oir is toigh learn ceòl. 'Nuair
a chriochnaicheadh an t-seinn, thog mi m' ad gu
dol a mach. Dh' fhuirich mi mionaid no dha a
chluinntinn ciod a theireadh am ministear. Ghabh
e mar cheann-teagaisg, ' Tha e air orducliadb do
dhaoine bàs fhaotainn aon uair ! ' Tha a' cheud
chuid de 'n cheann-teagaisg fior, thuirt mi Hum
fhèin. Tha m' athair, agus mo shinnsearan uile
marbh — tha sin fior gu leòir, ' Tha e air orduchadh
do dhaoine bàs fhaotainn aon uair, agus 'n a dhèigh
so breitheanas ! Cha-n 'eil ; cha-n 'eil mi 'creidsinn
sin. Dh' fheuch mi ris a' cheann-teagaisg fhaotainn
bhàrr m' inntinn. Chaidh mi sios an t-sràid, ach
cha b' urrainn mi a dhi-chuimhneachadh. Fad an
là 'n dè bha mi an teinn mbùir leis. Dh' fheuch
mi ri codal, ach cha b' urrainn mi. Leugh mi an
sin mu 'n choinnimh-ùrnuigb so, agus smuainich
mi gu 'n tiginn dh' fheuchainn am faighinn seòladh.
Ach tha mi mò 's fada. Tha mi dheth. An
urrainn thu mo chuideachadb.' ' Am bheil thu 'g
iarraidh Chriosd?' thuirt mi ris. Chrom e a
mbalaidhean, agus thubhairt e, ' Is e mealltair
a bh' ann, agus cha-n e am fior Mhesiah. Labh-
air rium mu Dhia Abrahaim, Isaaic, agus
lacoib.' 'A charaid,' thuirt mi, 'So far am
bheil a' chùis — cha-n 'eil thu 'creidsinn gur e
losa am fior Mhesiah. Ma chreideas tu gur
e, agus gu 'n gabh thu ris mur do Mhesiah
fhèin, teichidh gach neul dorcha a tha nis 'gad
chuairteachadh.' Ach cha leigeadb e learn labhairt
ris mu Chriosd, ach a mhàin mu Abraham, Isaac
agus Iacob. Gidhcadh labhair mi beagan tuilleadh
ris mu Chriosd, agus an sin thionndaidh mi chum an
treas caibidil de shoisgeul Eoin, ag radh ris, " Leugh-
aidh mi dhuit comhradh eadar Criosd agus Phairi-
seach, Rabi Iudhach." 'Nuair a thainig mi gus
a' cheathramh rann deug, "Mara thog Maois suas
an nathair 's an fhàsach, is ann mar sin a 's èigin
do Mhacan Duine bhi air a thogail suas," thubhairt
e, " Am bheil sin anns an Tiomnadh Nuadh mu
Mhaois?' ; " Tha." " Cha-n 'eil mi 'tuigsinn sin,"
thuirt e. Bha aig m' athair dealbh Mhaois agus an
nathair umha an crochadh air a' bhalla, 'n uair a
bha mise a' m' bhiilachan ; ach cha robh fios agam'
gu 'n robh ni 's an Tiomnadh Nuadh uime." Cha
chreideadh e mi gus an do leugh e fhein e. Bha e
làn iongantais. Thuirt mi ris " Rach air do
ghlviinibh, agus feòraich do Dhia Abrahaim, Isaaic
agus lacoib, am bheil firinn an so." Thug e dheth
ud agus dh' cigh e, "0 Dhè Abrahaim, Isaaic
agus lacoib, ma tha firinn an so' foillsich dhomh e."
'Na dheigb sin thòisich mise air urnuigh. *' L'ha-n
'eil mi 'faotainn soluis air bith,'' thuirt e, ach am
feadh a bha mi ag ùrnuigh, leum e air a chosan,
bhuail e a bhasan agus dh' èigh e mach. " Tha mi
'gafhaicinn! Tha mi 'g a fhaicinn ! " Cha robh fios
agam ciod a thainig air, agus dh' fheoraich mi ciod
a bha e a' faicinn. '"Tha mi 'g a fhaicinn! Tha
mi g a fhaicinn ! " " Tha tuilleadh 's a chòir do
bboil ort : suidh, agus bi ciùin," thubhairt mi. 'ÌSi
uair a stòl e, dh' fheoraich mi, " Ciod tha thu a'
faicinn?" "0, tha mi 'g a fhaicinn a nis," ars' e ;
" 'N uair a bha mi air mo ghluinibh, le m' aghaidh
ris an làr, ghuidh mi air Dia Abrahaim, Isaaic, agus
lacoib, gu 'm feuchadh e dhomh ma tha firinn 's na
leugh thu dhomh, agus air learn gu 'm faca mi
Maois a' togail suas na nathrach 's an fhàsach ; ach
air ball, chaidh an nathair as an t-sealladh, agus 'n
a h-àite bha am Mesiah, agns Oh ! 'se bh' ann losa,
am fiòr Mhesiah. Tha mi g a fhaicinn a nis — air a
thogail suas air mo shon-sa, a' bàsachadh air son
mo pheacaidhean ! " Agus chaidh an t-ludhach a
mach, agus shearmonaicb e Criosd.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence