Skip to main content

‹‹‹ prev (105) Page 101Page 101

(107) next ››› Page 103Page 103

(106) Page 102 -
102
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[Ivlaidh 1. 1876
mheas mar dhleasdanas oirnn, na dh' fhaodas sinn a
dheanamh, gu cabhar a dheanamh orra, agus luchd-
saothrachaidh a chur a dh' ionnsuidh nan raointean
mora farsuing ud.
A reir so tha sinn a cur fa chomhar na h-Eaglais,
o àm gu am anns an Record, iomradh mu thim-
choll nan cearnaidhean ud ; agus mu na h-oidhir-
pean a tha air an toirt leinn mar eaglais, gu corah-
nadh a dheanamh leo. Ainmichidh sinn cuid de
'n iomradh a thaobh so, a bha air a chur fa chomhar
ar n-Ard-Sheanaidh air a Mhios a chaidh seachad.
AN ROINN EORPA.
GlBERALTAR.
Tha Ministear againn anns a' bhaile so nirson nan
saighdearan againn ; agus mar an ceudna a tha
'saothraehadh am measg muinntir eile, a bhuineas
do 'n Eaglais againn, a tha aon chuid a' comhnach-
adh, no air chuairt anns a' bhaile so. Tha am
ministear, Mr Coventry, a' toirt iomraidh thaitnich
mu na coinneamhan a th' air an cumail leis o àm
gu àm.
Malta.
Bha tuilleadh a 's aon de na Reisemeadan Alban-
ach anns an daighneach so, air a' bhliadhna a chaidh
seachad. Tha Mr Wisely aon de na Ministearan
againn, agus mar an ceudna Mr Ramsay, a' sauth-
nachadh na' mcasg.
Madeira.
Tha an Committee air an Urramacb. Mr Angus,
a shonrachadh a 's ùr re bliadhna eile, gu bhi anns
an Eilean so. Tha iad mar an ceudna air beagan
comhnaidh a thoirt do Mr De Mattos, gu bhi
'saothraehadh am measg na Portuguese. Tha iom-
radh ro thaitneach a tighinn o àm gu àm, o Mhr
Angus, mu dhùsgadh a tha dol air agliaidh am measg
luchd-àiteachaidh an Eilein so ; agus a tha 'nochdadh,
gu 'm bheil beannachadh an Tighearna an lorg a
shaothar.
Odessa.
Chuir Mr Clark, am Ministear a tha 'saothraehadh
anns a' chearnaidh so, cunntas ro thaitneach, fa
chomhar na h-Eaglais againn, mu thimchioll a
shaothair am measg 'ar luchd-dùcha a tha anns a
chearnaidh so ; agus ann an Russia-mu-dheas. Tha
e o chionn ghoirid air dol do 'n dùthaich do 'n
goirear Caucasus, far am bheil mar an ceudna cuid
de ar luchd-dùcha air an sgapadh an sud agus an
so. Tha an Committee a' deauamh na dh' fhaodas
iad, gu lamhiin Mhr Clark a neartachadh anns an
t-saothair ghràidh so.
AMERICA.
Canada.
Mar a bha roimhe air ainmeachadh, bha Eaglais
Phresbiterianach Chacada air a h-aonadh ri cheile
air a' bhliadhna chaidh seachad. Tha a nis sè ceud
Ministear anns an Eaglais so. Tha an Eaglais
Shaor fathast a' toirt beagain comhnaidh dhoibh ;
ach tha dòchas nach fada bhios iad an eisiomail a
bhi 'ga fhaotainn — ni a tha ro thaitneach dhuinn,
do bhrigh gu 'n robh an Eaglais Shaor 'na meadhon
cho mòr, ann an laimh an Tighearna, ann am bhi ga
'n còmhnadh a dh' ionnsuidh na h-inbhe aig am bheil
iad a nis.
Tha Ard-Sheanadh ar n- Eaglais, air Mr Somer-
ville, aon de Mhinistearan Ghlascho, a shonrachadh
gu dhol a chur fàilte air Eaglais Chanada an ainm
na h-Eaglais Saoire ; agus a dh' innseadh an gàir-
deachas a th' air an Eaglais Shaoir, a chionn a bhi
'cluinntinn mar a tha an Tighearna a'soirbheachadh
le Eaglais Chanada. Tha an Committee an dòchas,
gu 'm bi so na mheadhon air a cheangal a th'
eadar an da Eaglais a neartachadh gu mòr.
Bermuda.
A chionn nach b' urrainn Mr Thorburn a tha
'na Mhinistear an so, aon air bith fhaotainn a
sheasadh àite, cha robh e na chomas a thighinn a
dh' Alba air a bhliadhna 'chaidh seachad ach bithidh
docbas againn gu 'n d' thig e air a' bhliadhna so.
NA II-INNSEAN AN IAR.
Tha tri ionadan anns na cearnaidhean so, far am
bheil an Eaglais Shaor a'toirt comhnaidh — Trinidad,
Belize, agus Falkland Islands. Tha ministear aig
ar n-Eaglais anns gach àite dhiubh so ; agus iomradh
a tighinn o gach aon diubh, gu 'm bheil an Tigh-
earna ann an tornhas eigin a' soirbheachadh leo.
AFRICA MU DUE AS.
Tha a' chearnaidh so fo na chrùn Bhreatuinneach.
Uime sin, tha mòran de shluagh nan rioghachdan
so, a' dol a mach agus a' còmhnachadh ann am
bailtean na tire so. A bhrigh so, tha ar n-Eaglais
a' deanamh na 's urrainn i, gu còmhnadh a thoirt
gus am bi iad comasaeh air meadhonan nan gràs,
a chumail suas air an son fein.
Tha a nis cuig bailtean anns a chearnaidh so, a tha
'gamharc risan Eaglais Shaoir, airson Ministearan a
chur do 'n ionnsuidh — sin ri ràdh King Williams-
town, Petermaritsburg, Durban, Cape Town, agus
East London. Bithidh an t-iomlan diubh so ann
an ùine aithghearr na 'm bailtean mora ; agus uime
sin, tha e ro fheumail gu 'n dean sinn na 's urrainn
sinn, a chum ministearan fhao:ainn dhoibh. Tha
an dùthaich, tha e air a radh, ro fhallan. 'lhadithis
de na bailtean ud fathast gun mhinistearan.
AUSTRALIA.
Tha glaodh dùrachdach 'a tighinn as gnch cearn-
aidh de 'n tìr mhòir so, air son mhinistearan —

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence