Skip to main content

‹‹‹ prev (104) Page 100Page 100

(106) next ››› Page 102Page 102

(105) Page 101 -
Iulaklh 1. IS715.]
IOMRADH AIR C'EAOBHSG
AOILEADH AN T-SOISGEIL.
101
maille rì cuid a tha 's an àite fein, seachad gu fialaidh
de 'm maoin, ach thug daoin'-uaisle an àitean eile
seachad mar an ceudna. So saimpleir air mar dli'
fheumas an lion bhi air a thilgeadh an cuid a dh'
àitean.
TEACnDAIREACUD AM SIEASG MnEINEADAIREAN.
So saothair shònruiclite a thoisich a chionn beagan
ùine air ais. Bha làmh àraidh ann an tionnsgnadh
air an t-saotbair aig duin'-uasal òg, eireacbdail, Mr
Mure, tighearna Pherceton, a cboinnich ri teachdair
a bbàis 's an tuiteamas chianail a thacbair, 's a
gheamhradb, air an rathadiaruinn a'g Abbot Pup-
ton, an Sasunn, agus air son an robh bròn mòr air
a dbeanamb, 's cha b' iogbnadh e. Timchioll air
an àite 's an robb a cbomhnuidb, an Siorramachd
lonairàir tha mòran mhèineadairean ; agus bha, mar
sin, cothroman sònruichte aige air son eòlas fhaot-
ainn air an uireasbhuidhean spioradail; agus bha a
chridbe blàtli air a gbluasad air an son. Thug e an
eiiis air beulaobh Dr Wilson, ceann-suidhe comuinn
an Home Mission; agus, air a chomhairle-san, chaidh
e air aghaidh a dh' fhaotainn agus a chraobh-sgaoil-
eadh fiosrachaidh ni 's miona, agus ni 's farsuinne
mu thimchioll an t-sluaigh so, agus a chur airgid
eruinn mar an ceudna air son meadhonan a chur
air chois 'n am measg. Rinn e mòr sheirbhis ann
an dùsgadh aire muinntir a dh' ionnsuidh, agus ann
an cruinneachadh airgid air son an aobhair shòn-
ruichte. Ghairmeadh air falbh e gu h-obann ; ach
le shaothair 's an ni so, agus an nithibh eile, air dha
bhi marbh, tha e fathast a' labbairt.
Shonruicheadh an toiseach deich mile fichead
punnd sasunnach a chur cruinn, ach cha d' fbuaradh
fhathast ach mu leth na suim so. Cha n 'eil an
t-saothair uime sin cho farsuinn 's a bha air a
shònrachadh. Gidheadh tha mòran air bhi air a
dheanamh, agus tha toradh 'n a lorg a tha 'n a
aobhar taitneis agus taingealachd.
Tha cùig eaglaisean iaruinn air an cur suas 's na
h-àitean a leanas : — Bank (New Cumnock), Baillie-
ston, Whifflet, Newtongrange, agus Addiewell.
Tha comhnadh air a thoh't air son eaglaisean eile,
agus sin aig ruith deich tasdain an suidbeachan, ann
an Coatbridge, Wishaw, agus Greengairs.
Tha cuid de na coimhthionalan so air an cruinn-
eachadh an co-cheangal ris an oidhirp mu 'm bheil
sinn a' labhairt : agus ged nach biodh ann ach
ministreileachd dhileas, shoisgeulach, bhi air a
planndachadh ann an àitean mar tha Wishaw agus
Greengairs, b' fhiach e na h-nile saothair agus
cosdus a chaidh a dheanamh.
IOMRADH
Mu Shaothair ai* n-Ea2;lais Anns na Colonies.
"Na iarradh neach air bith an ni sin a bhuineas
dha fèin, ach iarradh gach aon, an ni sin a thig ri
maith neach eile" (1 Cor. x. 24). Tha an earail so
a' labhairt ri eaglaisean mar eaglaisean, direach mar
a ta i 'labhairt ris gach ball air leth de 'n eaglais.
Ge d' nach buineadh iad idir dhuinn a tha 'chòmh-
naidh anns na cearnaidhean ud, bhiodh e mar
dhleasdanas oirnn mar a bheireadh an Tighearna 'n
comas dhuinn, maith a dheanamh dhoibh. Gu
cinnteach uime sin, tha e na dhleasdanas da-fhillte
so a dheanamh, 'n uair a bheachdaieheas sinn gu-r
iad ar luchd dùcha iad, ar daimhean a dh' fhàg ar
tir fein, ar coimhearsnaich agus ar càirdean, a tha
'tagradh ruinn mar eaglais, a chum an soisgeul a
chur do 'n ionnsuidh. Agus am feadh agus a dh'
fheumas sinn mar eaglais aideachadh, gu 'n d'
thainig sinn air iomadh doigh gearr air glòir an
Tighearna, gidheadh tha e na thaitneas a ràdh,
riamh 'o àm an Dealachaidh anns a' bhliadhna
1843, gu 'm bheil tuilleadh air a dheanamh airson
ar luchd-dùcha ann an tìribh cèin, no bha riamh
roimhe. De na ministearan Presbiterianach a
tha a nis a' saothrachadh anns na Colonies, bha an
aireamh a 's mo air an cur a mach leis an Eaglais
Shaoir ; ach gidheadh, tha tuilleadh mòr air an
iarraidh, 's a tha sinn comasach air a dheònachadh.
Their cuid, " Solaireadh na Colonics air an son
fèin." 'Nis na 'm biodh a' chuis mar so, nach biodh
na Colonies a' deanamh dad air an son fèin, ach a
leigeil an taice gu h-iomlan air an Eaglais Shaoir,
cha bhiodh smid againn ri rkdh air an son. Ach
cha 'n ann mar so a tha a' chuis. Is ann a tha iad
a' deanamh an uile dhichill, gu ministearan oilean-
achadh agus ullamhachadh air an son fèin. A chum
so, tha oil-thighean air an cuir suas anns gach aon
diubh — ann an Canada, ann an New Zealand, Vic-
toria, New South Wales, South Australia, agus
ann an Queensland. Ach is e a' chuis daoin' òga
freagarrach fhaotainn, a tha deònach air iad fèin a
thoirt do 'n Mhinistreileachd. Thuige so, cha d'
fhuaradh gu leòr dhiubh anns na Colonies fein
agus uime sin, tha na h-eaglaisean ud, a sior chur
teachdaireachd dbachaidh do 'r n-ionnsuidh-sa, air
son tuilleadh mhinistearan. Uime sin, tha sinn 'ga

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence