Skip to main content

‹‹‹ prev (102) Page 98Page 98

(104) next ››› Page 100Page 100

(103) Page 99 -
lukùdh 1. 1S7C] IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AX T-SOISGEIL.
0!)
snìdhichte air an toirt fan suas do sheirbhis an t-
soisgeil ; agus air taisbeanadh comasan inntinn
nach gann anns a' Cholaisd. Tuilleadh piseich orra
gu lèir!
A thaobh Innleachd an Ollaimh MhicLachluinn
a churn cuideachidh le coithionalaibh bocbda, le
mile punnd Sasunnach, no an còrr, a bhi air a chur
a niach air riadh air an son, dh' innseadh do 'n Ard-
sheanadh gu-n d' ràinig dà choithional eile air an
t-suim sin rè na bliadhna a tba air dol seachad. 'S
e aon diubh sin Tiridh, eilean anns anrobb dùsgadh
mòr, agus anns an do chuireadh àireamb nach gaun
ris an Eaglais. "S e an coithional eile, an t-Ard
dubh ann an Cleir Mhuile. Tba coithionalan eile
ann atha ro-fheumach air leithid so de cb.dmb.nadh ;
agus tba dòchas aig a' Bhuidhinn gu-n tig càirdean
nan Gaidheal air an aghaidh as ùr a cbuideachadh
leis an aobhar mliaitb so.
Cha-n urrainn do 'n Ghaidhealtachd a bhi ro
thaingeil do Mhr MacFhionghuin ann am Baile-na-
Cille air son na dòigh a chuir e air chois a chum na
fiachan air Eaglaisibh 's a' Ghaidhealtachd a
phàigheadh. Rinneadh tional airgid fialaidh air
feadh na h-Eaglais air son na crlche so ; agus tha
Mr MacFhionghuin agus càirdean dha gus an t-suim
a dhublachadh ; air chor as gu-m bheil e nis ro-
choltach ann an ùine gheàrr gu-m bi gach peighinn
ruadh de fhiachaibh air a sguabadh air falbh de
thighibh-aoraidh agus de tbighibh-mhinisteirean air
feadh na Gaidhealtachd.
Tha sinn fo chomain do-labhairt dha-san d' am
buin an t-airgiod agus an t-òr air son gu-n do chuir
e ann an cridhe na dream ris an d' earb e iad
cuideachadh a dheanamh air an dòigh fhialaidh so
r' a aobhar fein, agus air son gu-m bheil e mar so a'
glaodhadh gach earrainn de 'n Eaglais, tuath 'us
derts, ri chèile. " Sith gu-n robh an taobh a stigh
do d' bhallachaibh," Ierusalem, " suaimhneas a'
d' lùchairtibh."
Cha-n 'eil an Eaglais idir gun chombaraidhean air
làthaireachd an Tighearna bhi mailler' a sheirbhisich
ann an caochladh ceàrnaidhean, ajrus air a bheann-
achd-san a bhi a' comhchuideachadh an saoithreach.
Air an son gu lèir, moladh Ierusalem an Tighearn,
moladh Sion a I)ia, Salm cxlvii. 12.
AR N-QBAIR AIG A' BHAILE.
HOME MISSION,
Mar tha fios aig na h-uile, bba Avd-sheanadh at
n-Eaglais cruinn am mios a' cbeitein so chaidh. Is
iad nithean àraidh mu 'm bheil mòran de nine agus
aire an Ard-sheanaidh air a thogail, bhi a' faghail
iomraidh phungail mu ghnothuichean aobhair
Chriosd anns gach earann deth, araon aig an tigh,
agus an tiribh thairis ; agus a' gabhail comhairle
mu gach meadhon agus inneal a tha, no a mheassr
iomchuidh a bhi air an cleachdadh, anns gach àite
agus suidheacbadh fa loth. Tha mar so mòran de
fhiosrachadh feumail agus taitneach air a thabhairt
agus air fhaotuinn, — fiosrachadh a tha 'toirt aobhair
taingealachd agus misneachaidh, agus a tha, mar an
ceudna, freagarracb gu bhi 'dùsgadh eud agus spiorad
athchuinge. Cha chomasach do neach aig am bheil
inntinn cheart mion aire a thoirt do obair craobb-
sgaoilidh eolais Chriosd, — an t-seòltachd, an dicbioll,
agus an fhoighidin a dh' fheumar a chleachdadh, an
cathaihadh a dh' fheumar a dheanamh an aghaidh
naimhdeis agusas-innleachdan dhaoineagusdheamh-
an, agus a' bhuaidh a tha air a toirt tie chumhachd
•'an Spioraid o' n-aird," — gun a spiorad bhi air a
ghluasad an taobh a stigh dheth. Agus cha mhò a
ruigear a leas smuaineachadh gu 'n tig an gnothuch
dhachaidh air mhodh driiiglitcach air neach, no gu
'm bi e air a shealbhachadh le trom ehùram mu
thimchioll, as eugmhais gu 'n iarr agus gu 'm faigh e
fiosrachadh leis am bi 'inntinn agus a chridhe air
an tarruing. Agus ni eòlas mionaidheach air aon
earainn de'n obair tuilleadh aire agus suimaghluasad,
na beachd tana, coitchionn, air an iomlan. Chi sinn
o Ghniomhara nan Abstol cia mòr an suim a bha
Criosduidhean 's a' cheud linn a' gabhail de iomradh
mu shoirbheachadh an t-soisgeil, agus mu staid nan
eaglaisean. Agus tha sinn an dùil gu 'm beachdaich
ar lucbd-ddthcha air gach iomradh de 'n t-seòrsa a
thig f an eomhair, chum iad a bhi ann an làn cho-
fhaireachadh ri eaglais Chriosd 'na h-oidhirpean
uile. Mar so thig an t-aobhar, no earann fa leth
dheth, gu bhi ni 's mò air an spiorad, agus. an lorg
sin, bithidh iad air an cur thuige gu còmhnadh a
dheanamh le 'n ùrnuighibh, agus mar an ceudna le
'm maoin.
A thaobh craobh-sgaoileadh an t-soisgeil agus
cinneachadh na h-Eaglais 'n ar tlr, tha an t-lomradh
a chuireadh air beulaobh an Ard-sheanaidh a' feuch-
ainn gu bheil an obair a' dol air a h-aghaidh gun
lasachadh, agus mar an ceudna a' meudachadh.
Tha mòran r' a dheanamh : mòran àitean fàsail ri
bhi air an toirt a stigh. Tha na miltean agus na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence