Skip to main content

‹‹‹ prev (101) [Page 97][Page 97]

(103) next ››› Page 99Page 99

(102) Page 98 -
98
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[Maidh 1. 1S7G.
gu 'm bitheadli iad air an aonadh ri chèile. Agus bu bhreagh an sealladb e, 'n uair a thachair
e. Bba an talla mòr 's a bheil an t-Ard-slieanadh a' cruinneachadh làn sluaigh air chor 'us
nacli gabhadh e aon neach eile. Bha aon inntinn 's an Eaglais gu lèir. Cha robb guth an
aghaidh an ni. Agus an uair a thainig niinistearan agus seanairean na h-Eaglais Presbiterich
Athleasaiclite stigb gu riaghailteacb do 'n talla, ghabh an cruinneachadh mòr riu le aidhear.
Cha-n e, 's a' cheud àite, nach robh tosd mòr am nieasg na cuideachd. Cha mhòr gu 'n robh
anail r' a chluinntinn. Lean so gus an robh an duine mu dheirearlh aca a stigh, ach n' uair a
dh' èirich Dr Goold, an ceann-suidhe aca, chum bruidhinn, dh' èirich an sluagh suas agus bhris
an t-aoibhneas mach gu h-iongantach. An sin chuir an dà cheann-suidhe an ainni ris a
cheangal-aonaidh, agus labhair iad gu caoimhneil r' a chèile, agus ris na braithribh air gach
taobh. Is ann mar sin a thainig siol nan Oumhnantach mòr, diadhaidh, agus nam Mairtireach
a dh' fhuiling na h-uiread airson Chriosd an Alba, a stigh do 'n Eaglais Shaoir, mar an Eaglais
a bha a' giùlan am fianuis. Cha b' urrainn aideachadh air a fìor suidheachadh thighinn o
f hianuisean na 's comasaiche air fianuis fhior a thabhairt no na daoine ud. Gu 'm b' ann a
bheannaicheadh an Tighearn an t-Aonadh so, 'us gu 'm b' ann a dheanadh e an Eaglais
againn na 's eudmhoire na bha i riamh, chum craobhsgaoileadh an t-Soisgeil, aig an tigh
agus ann an tìribh chein.
Cha ruig sinn a leas tuilleadh a ràdh mu chinneachadh an aobhair. Chithear mùran deth
anns na leanas.
A' GHAIDHEALTACHD AGUS NA H-EILEANA.
Aig coinnimh Ard-sheanaidh ar n-Eaglais, air an
robh caraid maith nan Gaidheal — an t-011amh Mac
Lachlainn — air a' bhliadhna so 'na Cheann-suidhe,
thugadh seachad cunntas taitneach mu thimchioll
oibre na h-Eaglais 's a' Ghaidhealtachd, araon leis-
san agus le càirdibh eile aig am bheil leas ar
dùtheha dlùth d' an cridhe.
Air a' bhliadhna a chaid seachad, rinneadh an
tional airgid air son na Caidhealtachd, a 's abhaist
a ùheanamh gaoh dà bhliadhna. Thionaileadh air
8on na criche sin £3147 — suim a tha £114 os cionn
an tionail a rinneadh roimhe. Bithidh feum dha
uile, agus do mhòran a thuilleadh air; oir tha
àireamh nam ministeir òga, a tha ann an seirbhis
Buidbne Gaidhealaieh ar n-Eaglais co lionmhor 's a
bha e riamh ; agus tha pailteas oibre ann doibh uile,
agus do 'n chòrr na 'n robh iad ann, shuidhich-
eadh a' Bhuidheann Ghaidhealach an toiseach, cha
robh co liugha gairm aca air son theaclidairean agus
a tha aca nis. Tha na h-aitean mjra iasgaish ri
ullacha lh a dheanamh air an son ; agus cha-n fhurasd
do 'n lihuidlieann luchd-searmonachaidh a ghleidh-
eadh dhoibh, no daoine òga a dh' fheudidh àite
theachdairean, a tha suidliichte, a thoghl am feadh
a rachadh na teachdairean sin fèin a shaothrachadh
am measg nan iasgair. Air feadh na Gaidhealtachd
aig an p,m so tha ochd Eaglaisean deug a tha ban.
Am me.isg an airehnh sin 'n an? raeasg sin tha
Eaglaisean Bhaile-nan-Caimbeulach, Bhaile-nan-
Granndach, Inbhir-naruinn, an Eaglais an Ear ann
an Inbhirnis, agus caocbladh eaglaisean eile.
Tha mòr fheum air tagradh ri Ceann glòrmhor
na h-Eaglais gu-n uidheamaicheadh agus gu 'n
cuireadh E mach luchd-saothrachaidh a ni seirbhis
dha am measg nan Gaidheal. Ach am feadh is
tiodhlac o Chriosd gach fiòr theachdair a tha ann,
agus am feadh a ta iad air an toirt ann an freagradh
do urnuigh (Matt. ix. 38), is còir do 'n Eaglais fèin
oidheirpeandùrachdachachleachdadhchumòganaich
ghealltuinneacli fhaotainn a dh' fheudar fhòghlum
air son na ministreileachd. Thugadh aire do 'n
dleasdanas so a cheana. chionn ghoirid dh' fhàg
Baintighearn choir an Duiueidiu suim mhaith
airgid gu bhi air a bhuileachadh ann an euideaeh-
adh le daoinibh òga o 'n Ghaidhealtachd, a chum
am foghlum air son oibre na ministreileachd : agus
tha Buidhnean-sgoile nam Baintighearn a' deanamh
còmhnaidh nach beag 's an deadh obair so. Aig aa
dearbh am so, tha tri fichead fbghlumach 'us deich
aig na Baintighearnaibh 'n an seirbhis.
Tha a' Ghaidhealtachd fo chomain mòr do Mhr
Mao Phail, ministeir Philrig, air son na dòigh a
ghabh e, agus na saoithreach a rinne, 's a tha e a'
deanamh, chum na gillean a' s gealltuinnich am
measg a luchd dùthcha a chuideachadh gu foghlum
fhaotainn. Tha cuid de na h-òganaich sin a cheana

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence