Skip to main content

‹‹‹ prev (63) Page 59Page 59

(65) next ››› [Page 61][Page 61]

(64) Page 60 -
69
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[October 1. 1875.
ùrnuigh mochthrath, feasgar, agus meadhon-lathà.
Tliaisbean an gluasad so ann an aitean fad o cheile,
agus aig an aon àm, air chor a's nach b' urrainnear
a ràdh gu 'n robli iad 'g a thogail o cheile. Gha
robh gluasad sam bith am meaig an t-sluaigh
mhòir, acli cha b' urrainnear a' chlann a chumail
eadhon le ainneart o' n coinnimhean-ùrnuigh ; agus
'n uair a dh' fheòraichteadh dhiubh, 's e an t-aobhar
a bheireadh iad, gu 'n robh iad ag ùrnuigh ii Dia
air son eaglaisean agus sgoilean. Feumar a thoirt
fainear gu 'n robh roimhe sin na h-eaglaisean air
an toirt o na ceudan de choimhthionalan Protest-
anacb, le Austria, agus air an toirt tbairis do na
Pàpanaich. Tharruing an gluasad so am measg na
cloinne a leithid a dh' aire a 's gu 'n do chuireadh
a' chuis air beulaobh caochladh cholaisdean 's a'
Ghearmailt air son am barail. Ach bha an linn
dorclia, agus b'i a' bharail a thug iad uile ach aon,
gu 'm b' ann o Shàtan a bha e. Ach chuir Dia 'na
fhreasdal solus air, 'n uair a chuir e Frederick a
thoirt saorsa do Shilesia, agus an ginealach a bha
'n an cloinn ag ùrnuigh air son eaglaisean agus
sgoilean, fhuair iad iad fèiri, air dhoibh fas suas,ann
an seilbh air freagradh an urnuighean, f'o riaghladh
Protestanach.
NITIIE NUADII AGUS SEAN.
" Mur creid sibh gu 'r mise e, gheibh sibh bàs
ann bhur peacaibh." (Eoin viii. 24.)
Bha Voltaire 'na dhuine 'bha foghlumta, ain-
meil 'na là, ach na fhior nàmhad do 'n fhirinn.
Rinn e na b' urrainn e, gu aobhar an Tighearna a
chur bun os ceann. Fadheoidh thainig e gu crioch
a thurais. 'N uair a bha e aghaidh ri aghaidh ris a
bhàs, bha e air a lionadh le mòr uamhas, agus fèin
dhiteadh. Dhhisg a choguis air, agus sgaoil i
mach fa' chomhair rola mòr, fada, làn de dhroch
dheanadasan a bh' air an deanamh leis, — agus a
chuir e fo mhòr eagal e. " 0' ait am faigh mi
fasgaidh ? Ciod a shithicheas an diteadh eagallach
'a tha an fbianuis so a toirt a' m' aghaidh," ars esan.
Aig amana bha e mar gu 'm biodh cuthach air.
Aig amana eile bha e air a chromadh sios gu làr le
an-earbsa. Ars' esan ris an leigh a bha mailie ris,
" a leigh, bheir mi dhuit leth na 's fhiach mi, ma
chuireas tu sè miosan ri m' bheatha." Fhreagair
an leigh, "cha 'n eil so a' m' chomas ; cha bhi thu
beò sè seachduinean." Fhreagair Voltaire, " nach
bi ? '1'heid mi ma ta gu cinnteach gu ipnad na
dòruinn. Tha ifrionn air toiseachadh a cheana' na
mo choguis."
Cha 'n eil ni a ghlanas, no a shithicheas a' choguis,
ach fuil an Tighearn' Iosa. A leughadair, thig
thusa, gun dail d' a h-ionnsuidh. Na cuir dhiot so,
<ru leabaidh bias. " Is e nis an t-àm taitneach."
"An sin chain iad c, agus thubhairt iad. Is tusa
a dheisciobul, ach is sinne deisciobuil Mhaois."
(Eoin ix. 28.)
Bha Mr Whitefield ainmeil, aig àm araidh, a' dol
air a shlighe, ri taobh aimhne, far an robh longan.
Bha seòladair an sin air mhisg, agus deònach air
faladhà a dheanamh dha fcin. Chaidb e thuige agus
uaith, a' tuisleachadh anns an t-slighe air an robh
Mr Whitefield ag imeachd. Rug Mr Whitefield air
ghualainn air, 'ga chur a thaobh. " Ciod a tha thu
'ciallachadh" arsa 'n seòladair, nach eil fios agad gu 'r
mise aon de d' dheisciobuil. "Tha mi 'gabhail
cagail gu 'm bheil sin fior," arsa Mr Whitefield; oir
na 'm bu dheisciobuil do m' Mhaighstir thu, bhiodh
dcichas na b' fhearr agam diot.
" Agus ge b' e air bith nithe a dh' iarras sibh ann
bhur n-urnuigh, ma chreidcas sibh gheibh sibh iad."
(Mata. xxi. 22.)
Anns a chunntas a th' againn air beatha Mr
Raibeart Blair, aon de mhinisteirean ainmeil an
Ath-leasachaidh, tha so a leanas air ainmeachadh.
Thachair gu 'n robh foghar ro fhliuch ann,
agus gu 'n do lean an t-uisge air tuiteam rè mios.
Bha an siol a' gintinn anns an sguaib, agus bha am
bàrr gu loir ann an cunnart dol a dholaidh. Chuir
an sluagh uime sin là air leth airson irisleach-
aidh, agus a thagradh ris an Tighearna, gu 'm
pilleadh e a dhiomb air falbh. Air a cheart là
so fèin thaom an t-uisge 'nuas, o mhoch gu dubh ;
mar gu 'm biodh an Tighearna a' diultadh eisdeachd
riu. Ach air an oidhche 'n deigh sin, sheid gaoth
laidir bhreagha, a lean gu ceann da là, air sheòl
agus gu 'n do thiormaich na h-adagan gu h-iomlan.
Bha an sluagh a latha agus a dh' oidhche a tional a
steach a bharra, gus an robh an t-iomlan air a
chruinneachadh. " Rè an da là so," arsa Mr
Blair, " bha mi fein 'us da mhinistear eile, fad na
h-ùine a sior thoirt buidheachais do 'n Tighearna,
airson an doigh chomharraichte, anns an do fhreagair
e ar n-ùrnuighean,"
NAIGHEACHDAN-EAGLAIS 'S A'
GHALDIIEALTACHD.
MINISTEARAN AIR AN GAIRM.
Mr M. Domhnullach, à Inbhearnaruinn,gu Australia.
Mr Eoin Baillidei, 's a Mhaigh, gu Gearrloch.
Mr Alasdair Fullarton, à Baile nan Granndach,
gu Glascho.
Mr P. Colaidh, à Inbhearnaoise, gu Raffard.
MINISTEIREAN AIR AN SUIDHEACHADH.
Mr Alasdair Li, an Liabost.
MINISTEARAN A CHA0CHAII,.
Mr Seumas Mac Gilliosa, an Cilleabhearaidh.
DAOINE Ò«A A FHUAIR SAORSAINN SEARMONACHA1DH.
Mr D. Domhnullach, le Clèire Ghlascho.
Mr Paruig Mac Iojihair, le Clèire Bhreidealbainn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence