Skip to main content

‹‹‹ prev (60) Page 56Page 56

(62) next ››› Page 58Page 58

(61) Page 57 -
October 1. 1875.] IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
57
shonruiehte an co-cheangal ris an t-seinn. Bha
sailm us dàin agus laoidhean air an seinn am
bitheantas. 'S iomadh cridhe a thogadh suas, agus
bha cloinn Sbioin da rireadh, a' deanamh gaird-
eachas 'nan Righ, 'san earrain so de 'n t-seirbhis.
Ni mo bha ar claim, no ar n-oigridh fo dbearmad.
Bha e cho uidbeal, ealanta, geur, glan agus deas, ann
a bin teagasg na cloinne, agus a bha e an ceann nan
aithriehean agus nan seanairean, agus a rèir coslais
bithidh toradh maireannach an lorg a sbaotbar.
Rè an uine ghoirid bha e nam measg chuireadh air
doigh coinneamhan dhaoin' òga air son rannsachadh
nan Sgriobtuirean, seinn, agus ùrnuigh. Tha siiil
aig ar Teachdairean, gum bi mòr thoradh anns na
bliadhnachan ri teachd, o' n oidhirp so, am measg
oigridh aideachail na dnthcha. Cumaidh Teachdair-
ean agus sluagh, sean agus og, air chuimhne gu
buan, na dheònaich an Tighearn dhoibh do mhaith
troimh a sheirbhiseach, agus tha dochas nach beag,
gu 'n giùlan an siol a chuireadh, an cuid, deich
thar fhichead uiread, an cuid, a leth-cheud uiread
agus an cuid a cheud uiread, 's a chuireadh.
NA SANTALAICII.
Bithidh cuimhne aig ar luchd-leughaidh, gu 'n
robh sèanar de chinn-fheadhna nan treubhan so
air an tabhairt fo chùram, agus gu 'n d' thainig iad
air son teagasg a thaobh slighe na slainte, a chum
ar Teachdairean aig Padsamba. Tha ceap-tuislidh
air tighinn a cheana 's an rathad. Tha e 'na riagh-
ailt am measg nan Santalach posadh 'nan treubhan
fèin. Tha iad ag aicheadh cleamhnas a dheanamh
ri treubhan eile. Tha cuid de 'n treubhan, air
diultadh ceangal posaidh 'bhi aca riu ma 's e 'us gun
aidieh iad Criosd gu follaiseach. Tha urnuighean
pobull an Tighearn air an iarruidh gu durachdach
as an leth, chum 's gu 'n seas iad gu daingean 's an
la ghàbhuidh agus olc. Tha e 'na aobhar buidh-
eachais do 'n Tighearn, gu 'n d-thainig fear de na
daoine a dh' ainmich sinn air aghaidh air son baistidh,
agus gu 'n d' aidich e Criosd gu follaifeach, fo 'n
ainm, Kareo Manji. Tha-sa an duil gu 'n lean a'
bhean agus a chlunn eiseimpleir an ùine ghoirid.
Bhasacramaid Suipear an Tighearnaair a frithealadh
an so air son a' cheud uair, mu mheadhon an t-samh-
raidh. Shuidh seachd pearsa fichead sios aig bord
an Tighearna. Bha aireamh mhòr de 'n luchd-
diithcha 'lathair agus 'nan luchd-amharc agus eitd-
eachd air an là so, bha 'na là mòr do chuid. Cha-n
'eil an diugh 's na Innsean, earrann no fine a 's
gealltuinnich, na tha dàthaicli agus sluagh nan San-
talach. Guidheamaid gun rùsgadh an Tighearn
a ghairdean, agus gu 'n deanadh e gniomharan mòr'
agus iongantach air nach robh sinn fiosrach.
CALCUTTA.
Baisteadh. — Tha Mr Robison a' toirt cunntas air
baisteadh òganach, do 'n ainm, " Akshay Kumar
Chandhuri." Tha e naoi bliadhna deug a dh' aois,
agus na fhoghlumach 's an oil-thigh an Calcutta.
Tha c soilleir gu 'n robh Spiorad agus focal an
Tighearna 'stri ris, o cheann ùine fhada. 'S iomadh
dion breige 'dh ionnsuidh an deachaidh e mu 'n d'
thainig e gu umhlachd a thabhairt do 'n fhocal,
"Seallaibh riumsa agus bithibh air 'ur tcarnadh, oir
is raise Dia, agus cha 'n 'eil atharrach ann." Bha
e an iomaguin mhòr, 's an am 's an d' thainig Mr
Somairvil, ach chaidh e mach g' a èisdeachd. Dh'
fhuasgail an Tighearn a cheanglaichean agus na
buinn bha 'g iadhadh uime, agus thainig e air ball
air aghaidh air son laistidh. Mar a rinn Philip ris
a' chaillteanach Etiopach rinn Mr Somairvil ris
an òganach so. An deigh eeasnachaidh, leugh e
Uniomharan nan Abstol, Caib viii. 25-40, agus air
do 'n òganach aideachadh follaiseach a dheanamh,
bhaisteadh e. Chuir na foghlumaich air ball, a
mach o 'n comunn e, agus chuir iad fios gu 'athair. a
tha 'teachd 'ga ionnsuidh, an duil a thabhairt air ais.
Guidheamaid, gu 'm bi " neart o neamh air a chur
g 'a dhion uathasan le 'm b' ail a shlugadh suas."
Baistidhean Eile. — Tha 'n siol a chaidh chur air
uachdar nan uisgeach'in, 's na bliadhnachan a dh'
aom, a nis a giiilan toraidh agus air a thional an
deigh mhòran laithean. Tha cuid de na gillean dgn
a chaidh 'thogail ann an Calcutta, fo theagasg Dr
Duff, a nis iad fèin 'nan lu;hd teagaisg : us tha' n
Tighearna ag aideachadh an saothar. " Chi do
chlann an sliochd." Tha am focal so air a choimh-
lionadh ann an dithis a chaidh bhaisteadh mu
dheireadh an earraich, Ilara Lai Mukardsi, agus
teakh Moti Lai. Tha deuchainnean aca ri sheas-
amh o chàirdean, agus luchd-daimh, agus tha ur-
nuighean pobull an Tighearn air an iarraidh as an
leth.
AFRICA.
Lobhdal. — Tha gnùis an Tighearna fathasd a'
dealradh air Lobhdal. Thog naoi pearsa fichead an
t-aideachadh ann an sacramaid a bhaistidh, mu
thoiseach an t-samhraidh. Tha dùsgadh mar an
ceudna aig Bochanan dluth do Lobhdal, far am
bheil aireamh neach fo chùram anama. Tha luchd
urnuigh agus Teachdairean a' cur na ceisde, "Am
bheil an t-àm taitneach air son Africa air teachd,
an t-àm a shònruich an Tighearn ? "
Natal. — 'S mor call an aobhair ann am bàs Mr
Ailison. Co a thogas a' bhratach a thuit o 'n laimh
ud? Guidhibh air Tighearn an fhogharaidh luchd-
saothraich a chuir a mach chum fhogharaidh fèin.
" Rainig Dr and Mrs Dalzell Durban, agus toisich-
idh iad an saothair air ball. 0, gun robh an Ti a
thionndaidheas sgàile a' bbàis gu maduinn a' dcal-
rachadh air Africa doicha, agus Grian na fircantachd
a' teachd le leigheas fo a sgiathan."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence