Skip to main content

‹‹‹ prev (59) Page 55Page 55

(61) next ››› Page 57Page 57

(60) Page 56 -
56
EAGLAIS SHAOR NA H-ALBA.
[October 1. 1873.
T1R MIIOR NA ROINN-EORPA.
Mar a dh' ainmich sinn roimhe so ann an air-
eamhan eile, tha an Eaglais Shaor a' deanamh a rèir
a comais air tìr mhòr na Roinn-Eorpa. Tha ann an
iomadh cearnaidh de 'n tir-mhòr so, mòran d' ar
luchd-duthcha fein — cuid a chomhnaidh ann, agus
cuid air turus a' gabhail seallaidh. Tha e ro iom-
chuidh uime sin, gum biodh iad air am buachaill-
eachadh, cho fad is tha so an comas na h-Eaglais.
Tuigear mar an ceudna, gum bheil so ro fhreagarrach
gu bin ann an tomhas a' toirt luchd-àiteachaidh nan
tirean ud fein, gu eòlas na firinn.
Lisbon. — Baile mòr Phortugal. Tha Mr Stewart
a bha air chuairt anns a bhaile so, airson a shlàinte,
a' sgriobhadh, gu 'bheil coinninihean air an cumail le
dithismhinistearan, Mr DeMattosagus MrCarvalho,
a tha gu mòr air am beannachadh. Is ann am measg
nam Pàpanach a tha na daoine so a' saothraehadh.
Lausanne. — Aon de bhailtean mora Switzerland.
Tha coithional suidhichte aig an Eaglais Shaoir anns
a' bhaile so. Tha 'n coithional so, air a dheanamh
suas de mhuinntir ar dùthcha, a th' airthurus, agus
a tha' fantuinn anns a' bhaile. Tha mar an ceudna
mòran de shluagh òg na h-Alba ann an sgoiltean a'
bhaile so ; a tha a' dol a dh' eisdeachd, agus a th'
air an teagasg gu h-uaigneach ami an "classes" —
leis a mhiuistearagainn, Mr Buscarlet. Guidheamaid
beannachadh air a shaothair.
Interlacuen. — Aon eile de bhailtean Switzerland.
Tha mòran de ar luchd duthcha 'sa bhaile so, tiom
an t-samhraidh agus an fhoghair. Uirne sin tha an
Eaglais againn, air se ministearan a shùnruchadh —
aon an deigh aoin, gu dhol a shearmonachadh dhoibh
re na h-ùine ud.
Genoa. — Aon de bhailtean na h-Eadailt. Tha
làrach eaglais air a faotainn anns a bhaile so, far
nach fhaodadh, o chionn ghoirid, duine a bheul
fhosgladh mur bu Phàpanach e. Tha Genoa na
bhaile dh' ionnsuidh 'm bheil mòr shluagh a' tional
o mhuir 's o thir. Gu 'n robh an Tighearna a' cur
cinneachadh le saothair Mr Miller.
Naples. — Aon eile de bhailtean mòra na h-Eadailt.
Tha coithional aig an Eaglais againn an so mar an
ceudna, agus tha dòchas gu 'm bi ministear air a
shuidheachadh thairis air, ann an uine ghearr.
Tha dithis de na ministearan againn air an
sòniuchadh mar theachdairean o 'n Eaglais Shaoir
— fear a dh' ionnsuidh Eaglais ath-leasaichte na
Frainge ; fear eile a dh" ionnsuidh Ard-sheanadh
Eaglais nan Ualdenses — far am bheil fianuisean
dileas aig an Tighearna — agus far an robh iad 'n
uair nach robh ach tiugh dhorchadas eadhon anns
na rioghachdan so, far am bheil a nis a leithid do
sholus agus do shochairean air an sealbhachadh.
Eoin ix. 7.
" Silòam ainm na tobrach so —
No ' neacli air a chur le Dia.'
Oir mar a h-uisg' tha cliù a' Mliic,
'Sgaoileadh gu cian nan cian.
" O deònaich mar tha 'n tobair so,
Na cuimhneachan air 'ainm —
Gun sgur, mu shlàint' gu 'n labhram-sa,
O là gu là 'g a seirm."
TEACHDAIREACHD CHETN NA H-EAGLAIS.
NA II-INNSEAN AN EAR AGUS AFRICA.
SaOTUAIR MHR SoilAIKBHIL.
Tha Mr Radsagopàl a' toirt cunntas ro-thaitneach
mu thimcbioll saothair Mhr Somaiibhil 's na h-Inn-
sibh an Ear, rè nan sè miosan 'bha e air chuairt
anns an tìr. Chaidh e air tìr ann am Madras air an
20mh la de Nobhember, agus fhuair e dith-bheatha
a bha sùnruichte o theachdairean, luchd-saothraich,
agus luchd-aideachaidh. Ged tha a ghruag liath
agus a bhliadhnachan ag aomadh gu h-aois, tha a
chridhe blath, 'inntinn togarach, a shùilean geur,
agus a cheum eutrom. Mar a thubhairt e fein b'
fhior, " A Radsa," ars' esan, " thainig mi do 'n
ddthaich so le aon mhiann, — anaman a chosnadh do
Ghriosd." Bha e sè miosan a' siubhal na diithcha.
Chuir e cuairt, 5583 mile air fad, o'n ear gus an
iar, a' searmonachadh ann am priomh-bhailtean na
tire — Calcutta, Lucnò, Alahabad, Agra, Deli, Mul-
tan, Bombai, Nagpòr, agus Madras. Bha a shaothair,
'sa cheud dol a mach, am measg a luchd-dùthcha
fein, na h-Eorpaich, tha 'chomhnuidh anns na
bailtean mora Dh' fhosgladh an cluasan, ; s an
cridheachan, do' n t-soisgeul. Thainig moran
eile bharrachd orra, chum an eisdeachd, Moham-
madanaich, Parsis, Innsean Pundsabaich, agus na
treubhan mòra, 'labhairt Gugùrati, Mahratta, Tamuil,
agus Telugu. Dh' fhaoidte radh, le firinn, gu 'n do
shearmonaich e soisgeul naor saor ghràsa do shluagh
anns gach inbhe, de gach dath agus canain anns an
tli'. Mar o shean, bha " claidheamh an Tighearna
agus Ghideoin a' toirt buaidh." Mar sin bha gnuis an
Tighearn le 'sheirbhiseach. B' e "Criosd na h-uile,"
toiseach, meadhon,agus deireadh atheagaisg — Criosd,
am focal a rinneadh 'na fheoil ; Criosd air an do
leigeadh smachdachadh ar sithe ; Criosd, Uan Dè ;
Criosd, ar Oaraid agus ar Slanuighear. Bha buaidh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence