Skip to main content

‹‹‹ prev (55) Page 51Page 51

(57) next ››› Page 53Page 53

(56) Page 52 -
52
EAGLAIS SHAOtt KA H-ALBA.
[October 1. 1875.
Bha dà shearmon gach Sàbùd air an cumail anns
gaoh aon de na bailtibh a dh' ainmicheadh, agus
coinneamhan ùrnuigh air feasgair Dhe-satbuirn
agus air feasgair na Sàbaid. Bha na Gàidheil, mar
a 's gnàthach leo, a' frithealadh gu h-òrdail aig na
meadhonaibh gràis a dh' ullaicheadh dhoibh ; agus
bha an cleachdadh o 'n leth muigh rianail. Cha n
urrainn sinn raòran a ràdh mu 'n toradh spioradail a
bha a' leantuinn saothair nan teachdair ; ach tha
sinn cinnteach nach bi seirbhis òglaìch an Tighearna
gu tur an diòmhanas ; oir cha cheadaich Esan gu-m
pill 'fhocal d' a ionnsuidh gun tairbhe ; ach coimh-
lionaidh e an ni a 's àill leis, agus bheir e gu bull
an ni mu 'n do chuìr E mach e.
Bas Mhk Paruig MeicDnAiBQiDii, an Cill
a BlIRIDE.
Chaochail an Teachdair urramach so air a' cheath-
ramh là deug de 'n Ghiblein, 1875.
Tha Cleir Chinn-tire, d' am buineadh e, a' cur
air chuimhne gu-m bheil mothachadh domhain aca
de 'n chall a dh' fhuiling aobhar na firinn agus na
naomhachd 'n an crìochaibh-san tre bhàs an duine
fhiùthail so. Bha e 'n a bhall de 'n Chlèir sin air
son dà bhliadhna dheug thar fhichead ; agus rè na
h aimsir sin uile shaothraich e gu dileas 's an fhiort-
ghàradh, a' searmonachadh Chriosd mar an t aon
Fhear-saoraidh, agus a' cur an aghaidh peacaidh de
gach seòrsa, agus anns gach dath 's an nochdadh se
e fein. Bha mothachadh domhain aigc de àrd-
uaohdaranachd Dhè, araon ann an teàrnadh pheac-
ach, agus ann an gabhail seachad air an neach a 's àill
leis ; gidheadh, bha e'na shearmonaich ro-dhùrachd-
ach, agus ro-dhrùigh teach ann an cur an cèill
slàinte shaoir do gach peacach air an ruigeadh a
ghuth. An dèigh dha dol thar aois cheithir fichead
bliadhna, chìteadh e gu minic, agus na deòir a'
sruthadh slo3 o 'shùilibh, a' tagradh ri peacaich
dùnadh ri Criosd, le leithid a dhùrachd 's mar
nach gabhadh e diùltadh. Bu shith a chrioch.
Beagan laithean roimh a bhàs, chuir e 'n cèill do
bhall d' a theaghlach a dhian iarrtus gu-m faigheadh
e aon cbothrom eile chum innseadh d' a phobull mu
ghràdh Chriosd. Am feadh a ta a' Chlèir ri caoidh
os cionn an calla, tha iad aig an àm cheudna a' cur
an cèill an taingealachd do Dhia air son gu-n do
choimhead E 'n am mea^g an teachdair urramach
so, mar fhianuis air taobh na firinn, gu aois nan
ceithir fichead bliadhna 's a seachd.
Tha iad mar an ceudna ag iarraidh bhi a' tais-
beanadh an eo-fhaireachaidh r' a theaglach 'n am
bròn, agus a bhi 'g an tilgeadh air cùram an Ti sin
a tha 'n a " Athair do na dilleachdaibh."
SAOTHAIR NA H-EAGLAIS AIG A' BHAILE.
HOME MISSION,
Ar n-obair aig an tigh.
Tha an raon so a' dol am farsuinneachd o bhliadhna
gu bliadhna, seadh o mhlos gu mlos, agus tha am
feum da rèir sin air gu 'm biodh saothair na h-eaglais
a' meudachadh. Air tils, ann an iomadh ceirna d'
ar tir ar am faicteadh o chionn ghoirid machraich-
rean fo bhàrr agus treudan ag ionaltradh ann an
sàmhchair,gheibhear a nis tuill ghuail, no oibrichean
iaruinn no de sheòrsa èigin eile, agus luchd-oibre,
air an tarruing o gach àird, air cruinneachadh 'nan
coudan, 's 'n am mlltean, mar sgeapan sheillean.
Tha e furasda thuigsinn gur lionmhor ribe agus
droch bhuaidh d' am bheil muinntir anns na suidh-
ichean so fosgailte, agus an cunnart 's am bheil iad,
gu 'n tuit iad, mar tha cuid dhiubh cheana air
tuiteam, dh' ionnsuidh suidheachaidh ni 's cion-
taiche agus ni 's truaighe na eadhon na cinnich anns
na tiribh coin Chum gu 'n tigear eadar iad agus
dol fodha mar so, feumar a bhi aca gu dlùth leis na
meadhonaibh. A ris, thà iomadh baile air fàs cho
mòr a 's gu bheil iad a' cur feum air eaglaisean a
bhi air an dùblachadh an àireamh. Agus fadheoidh,
ma theid sinn uatha so dh' ionnsuidh nam bailtibh
mora, gheibh sinn annta mill mhòra do shluagh a tha
gu tur a dhiobhail eòlais agus mheadhonan na diadh-
achd, 'nan tur choigrich do thigh an Tighearna,
agus bàithte am mi bheus agus an truaillidheachd
Ri aghaidh so uile tha feum air saothair agus
foighidinn, maille ri ùrnuigh.
Ach mar tha feum air dichioll anns an obair, tha,
mu choinnimh sin, aobhar misnich làidir ann.
Tha an Spiorad air a dhòrtadh am fad 's am far-
suingeachd ; agus, an lorg so, tha aire agus dùrachd,
agus ullamhachd gu gabhail ris an fhocal, ri bhi air
am faicinn ann an tomhas neo-àbhaiseach. Tha na
h-achaidhean geal a chum an fhogharaidh. Tha
dorus fosgailte air a chur romhainn. Tha mòran
toraidh air a thional, ach cia m Vr a tha fathast
ullamh gu bhi air a thional le làmh a' chreidimh
air a cur a mach ann an cleachdadh nam meadhon.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence