Skip to main content

‹‹‹ prev (54) Page 50Page 50

(56) next ››› Page 52Page 52

(55) Page 51 -
Òctoba' 1. 1875.] IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AX T-SOISGEIL.
51
A' GHAIDHEALTACHD
Tiia Mr Domhnullach ann an Inbhearnaruinn air a
chomhavrachadh lc Buidhinn ar n-Eaglais, a tha
chum an soisgeul a chur a dh' ionnsuidh ar coinh-
luchd-dùthcha a chaidh uainne gu tiribb cèin, gu
bin 'n a theachdair do cho thional Thuraig, baile a
tba comh-cheangailte ri Melbourne ann an Aus-
tralia. Rogbnaicbeadh e air son a' cho-tbionail sin
le Mr MacBheathain, eildear o Australia d'an d'
thug an co-tbional ùgbdarras chum niinisteir a
ghleidheadh dhoibb. Cha robb teachdair suidhichte
aca roimhe so ; ach tba dòehas gu-n soirbhich iad,
agus gu-n tèid iad ann an lionmhoireachd fo
mhinistreileachd an teachdair fhoghaintich so, a
tha ann an ùine gheàrr fa ruin seòladh d' an ionn-
suidh ; agus, ma 's e toil an Tighearna a chaomh-
nadh ann an slàinte, gu-m bi e ro-fheumail cha-n
ann doibh-san a mhàin, ach mar an ceudna do 'n
Eaglais d' am bum iad. Goirid an dèigh dha cead
searmonachnidh fhaotainn, shuidhicheadh Mr Domh-
nullach ann an Inneilean, o'n d' atharraicheadh e,
ann an ùine gheàrr, gu Inbhearnaruinn. Anns a'
bhaile sin, shaothraich e gu dichiollach, gu com-
asach, agus gu soirbheasach, air son aon bhliadhna
deug ; agus tha e a' fàgail 'n a dhèigh ann co-
thionail a tha a' lionadh an ionaid aoraidh gus an
dorus. A thuilleadh air e bhi 'n a dheadb shear -
monaich, tha e eallamh chum an t-eòlas soilleir a
fhuair e a chur ann an sgriobhadh, mar a chlthear
o leabhair beag a chuir e mach o chionn ghoirid air
" Cùmhnantaich Mhoraidh agus Rois." Tha e
fatbasd ann an treine a neirt; agus tha dòchas gu-m
bheil iomadh là maith fathasd roimhe chum saoth-
rachadh ann an seirbhis a Mhaighstir 's an tir chèin
a dh' ionnsuidh am bheil e a' triall. Tha deadh
dhùrachd nam milte 'g a leantuinn, ged nach
urrainn na Gaidheil gun bhi duilich gu-m bheil iad
fèin a' call duine co comasach ri Mr Domhnullach
chum an soisgeul a chur an cèill doibh 'n an cànain
ionmhuinn fèin.
An Soisgeul an Inbhirms.
Cbuireadh an litir a leanas le duine uasal, a
bliuineas do 'n Eaglais Easbuigeich, a dh' ionn-
suidh fir-deasacbaidh pnipeir-naigheachd ann an
Lunnunn d'an ainm an " Rock." Thàinig i mach
anns an Iomradh Ghallda mu ghnothuichibh ar
n-Eaglais air son a' mhios a chaidh seachad. Tha
an litir mar a leanas : " Air dhomh beagan làithean
a chaitheamh gu ro thaitneach maille ri m' mhnaoi,
air an t-slighe o Ghlascho, rathad an Obain agus
Banabhaidh, &c, bha dòchas agam Sàbaid shuaimh-
AGUS NA H-EILEANA.
neach a chaitheamh ann an Inbhirnis ; agus chaidh
sinn gus an Ard-Eaglais Easbuigeich 's 'a bhaile sin,
an diiil gn-m feudamaid a bhi air ar cleacbdadh
ann an aoradh Protastanacb innte. Ach, le mòr
ioghnadb, fhuair sinn an Ard-Eaglais air a deasachadh
le ' altair ' cloiche : air a chiilaobh bha coslas crois-
sheunaidb air a ghearradh, am feadh a bha trl
croisean eadar-dhealaichte 'n an seasamh air — an
tè mheadhonach daithte gu h-eutrom, agus an dà
chrois eile air an dath dearg. Bha mar an ceudna
dà choinnleir mòr, agus coinnlean annta, air an
' altair ' ; na nithe so uile an àit bùrd simplidh
comunachaidh. A chionn gu-n d' rinn na nithean
ud, a reir mo bharail-sa, an Eaglais a thionndaidh o
bhi 'n a tigh urnuigh gu bhi 'n a teampull iodhol-
aoraidh, dh' fhàg sinn i direach mu 'n do thoisich
an t-seirbhis, agus chaidh sinn gu Eaglais Dhr
Black, far an cuala sinn soisgeul Chriosd gu dileas
air a shearmonachadh. Mar bball de Eaglas Eirinn,
agus mar mhac ministeir Sasunnaich, tha mi a'
guidheadh gu-n ceadaicheadh sibh dhomh tre bhur
paipeir-'sa mo gbutb a thogail an aghaidh ait-aoraidh
Protastanaich 'sam bith bhi air a ghnàthachadh
chum an sluagb a chleachdadh ri dùigh aoraidh
nam Pàpanach, ni d'an aon aomadh e an tionndadh
a dh' ionnsuidh a' chreidimh sin, mar a chithear
ann an staid na h-Eaglais Sasunnaich aig an àm so.
" Ri aghaidh bòid an suidheachaidh, agus ri
aghaidh an Dara Aithne, cionnus a 's urrainn do
mhinisteiribb Protastanacb iad fèin a ghiùlan air
an dòigh so? Is mi bhur seirbhiseach umhal.
L. F. S. Maberly."
" Tigh-òsda, Strom e."
An Obair am Measg nan Iasgatr an Gallaobh.
Air a' bhliadhna so, bha mu cheithir mile de
Ghàidheil na h-àird-an-iar aig iasgach nan sgadan
ann an Inbhiruig, agus 's na criochaibh sin, agus
mu sheachd ceud ann an Liabost agus 's na bailtibh-
mara dldth dha. Air iarrtus na Buidhne Gàidh-
ealaich, dh' aontaich Mr MacPhail an Cill-Mhuire
dol a shaothracbadh 'n am measg ann an Inbhirùig,
aig toiseach an iasgaich, agus Mr Aird an Craoich
aig a dheireadh.
B' eigin do Mr MacPhail an obair fhàgail le
bàs a mhnatha, an dèigh bhi an sin dà Shàbaid ; agus
ghabh Mr Lament, Shniòsairt, agus Mr Li, Liabost,
'àite gus an deachaidh Mr Aird d' an ionnsuidh.
Ann an Liabost bha teachdair a' cho-tbionail, a tha
e fèin a' searmonachadh 's 'a Ghaelig, air a chuid-
eachadh le Mr D. Domhnullach, seariuonaich.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence