Skip to main content

‹‹‹ prev (14) Page 10Page 10

(16) next ››› Page 12Page 12

(15) Page 11 -
Fe>>. 1. 1875.]
IOMRADH AIR CRAOBHSGAOILEADH AN T-SOISGEIL.
11
Tighcarna lecumhachd o chionn corr 'us scbhliadh-
na, am measg sluagh ris an abrar na Kohlaich.
Bh' fhàs focal an Tighearna 'nam measg, agus
bhuadhaich c. Ann an tri bliadhna deug, thog
26,000 pearsa an t-aideachadh, agus bha corr 'us
13,000, dhiubh a chuireadh ris an Eaglais rè na sè
bliadhna so chaidh seachad. Air a' bhliadhna so a
chaidh, bha dùsgadh mar an ceudna 'an ceann deas
India ann an Travancoir — mòran air an toirfc fo
chùram agus gu bhi 'cur na ceist, ciod e ni mi chum
's gu'n tearnar mi ? 'S taitneach ri 'chluinntinn gu
bheil iarrtus diirachdach ann airson craobh-sgaoilidh
agus rannsachaidh nan sgriobtuirean. Ann an
ddthaich nan Santal mar an ceudna, tha dùsgadh
agus beothachadh. Tha Mr Boerresen, teachdair à
Lochlainn, a bha 'saothrachadh 'n am measg o chionn
beagan bhliadhnachan, 'toirt cunntas ro-thaitneach
muthimchioll buaidh chumhachd an fhocail troimh
an Spioraid, l'a shaothair. Mu dheireadh an t-samh-
raidh bhaist e ceud pearsa 's an aon seachduin.
Tha coinneamhan ùrnuigh lathail air an cur suas
a nis ann an Calcutta agus priomh-bhailtean eile,
agus tha an Tighearna 'togail dealradh a ghnùis air
a shluagh, agus a' toirt cinneachduinn air 'aobhar.
Ann am Madras, bha co-chruinneachadh sluaigh,
o la gu là, ann an co-ceangail ri saothrachadh Mr
W. M. Taillear, teachdaircr o America, agus bha
cumhachd an Tighearna a reir coslais, a làthair
chum slànuchaidh. Tha an t-Urr. Mr A. N.
Somerville à Glascho air Calcutta 'ruigsinn, agus
air toiseachadh a shaothar an sin. Tha 'n t-Urr.
Mr IT. Milne bha 'an Uachdar-Ardair, air falbh do
n bhaile cheudna, 's a tha urnuighean pobull an'
Tighearna air an iarraidh gu diirachdach, airson
gu 'n deònaichadh e a làthaireachd fhoillseachadh,
a chumhachd, agus a ghràs. Thugamaid buidh-
eachas do Dhia air son an tomhas soirbheachaidh
a nochd e, air a' bhliadhna so, do Theachdaircachd-
chèin ar n Eaglais. Buinidh e dhuinn mar an
ceudna, a bhi 'cur suas ùrnuigh gu dian, gu diirach-
dach, 's gu dòchasach, ann an diomhaireachd ar
seomraichean, anns an teaghlach, agus 's a choin-
nimh fhollaisich, gus an doirtear a nuas gu saoibhir
Spiorad na beath' agus a' chumhachd, air gach
cearnaidh ann an Africa, agus ann an Innsibh
an ear, agus gu 'm bi gairdean an Tighearna gu
h-iomlan air fhoillseachadh. Nan robh co-mhoth-
achadh nor, agus urnuigh a' chreidimh a' buadli-
achadh 'n ar measg, nach fheudamaid sealltuinn
suas air son coimhlionadh a' gheallaidh, air sgath
ainme mhòir fein —
" Mar uisge air an fhaiclie bhuamt' is amhluidh thig
e nuas,
Mar fhrasaihli dh' uisgicheas am fonn is ionnan sin
a ghràs."
AN TEACHDAIREACHD A CHUM NAN IUDHACH.
Tha fhios aig na h-uile a tha leughadh nan sgriob-
tuir le curam, agus a tha 'tabhairt aire do dhoighibh
freasdail Dè, a chionn gu 'n do dhidlt na h-Iudhaich
Criosd 'n uair a dh' fhoillsicheadh e 'san fheoil, a
chionn gu 'n do cheus iad e, ach gu h-àraidh a
chionn nach do chreid iad ann, 'n uair a shearmon-
aicheadh dhoibh e gu saor an deigh 'aiseirigh o na
mairbh, a rèir 'aithne fèin do na h-Abatoil iad a
shearmonachadh an t-soisgeil do na h-uile chinneach,
a' toiseachadh aig Ierusalem, gu 'm bheil iad fo
bhreitheanais Dhè gus an àm so. Ach ged leanadh
am breitheanas fada orra airson an cionta mùir, tha
e cinnteach o na sgriobtuiribh naomha, gu 'm pil
an Tighearn riu fathast 'na chaomhthrocair, gu 'n
tabhair e an sgàile bhàrr an aghaidh, agus an sin
gu 'm pill iadsan ris an Tighearn, gu 'm bi iad air
ath-shuidheachadh 'nan crann-olaidh glòrmhor
fèin, agus gu 'm bi am pilleadhsan ris an Tighearn
do shloigh eile na talmhainn mar aiseirigh o na
mairbh. Maille ri earrainnaibh eile, seallaibh ri
Eoin i. Rom. ix., x., xi., &c.
Rè mhòran cheud bhliadhnachan rinn uile uach-
darana an t-saoghail mòr gheur-leanmhuinn air na
h-Iudhaich thruagha, ach o chionn fhada nis tha
iad m 's caoimhneile riu; agus 'nar tir fèin, ach
gu h-àraidh fo riaghladh cothromach ar Bannrigh
Victoria fèin, tha gach uile saorsa aca a tha aig
iochdranaibh eile na rioghachd.
'N uair a dh' fhiosraich an Tighearn Eaglais na
h-Alba gu a h-ath-bheothachadh gu mòr o chionn
leth-cheud bliadhna, thainig e 'n a cridhe Iudhaich
agus cinnich fhiosrachadh leis an t-soisgeul. A
rèir so, beagan roimh àm an Dealachaidh, chaidh
daoine air an robh eagal Dhè, a bha iomraideach 's
an t-soisgeul, agus a bha làn gràidh do Israel a chur
le Eaglais na h-Alba a rannsachadh air Tir mòr na
Roinn-Eorpa agus feadh Tir Chanaain, c' aite an
gabhadh meadhonan gràis cur air chois, chum an
soisgeul a thabhairt dlti dhoibh. 'N am measgsan
a chuireadh air an teachdaireachd rannsachaidh so,
bha Mr M'Cheyne nach maircann, agus Dr A.
Bonar, aon do mhinisteirean Glaschu a tha fathast
a làthair. Air an turus so thainig Mr Bonar agus
cuid eile do na braithribh a bha maille ris gu tobair
Iacoib far an do choinnich an Tighearn ri bean
Shamaria, Eoin iv., agus air do Mhr Bonar bhi

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence