Skip to main content

‹‹‹ prev (13) Page 9Page 9

(15) next ››› Page 11Page 11

(14) Page 10 -
10 EAGLAIS SHA
an lionadh le sluagh, tha e ro chudthromach, gu 'n
deanadh an Eaglais aig a bhaile na dh' fhaodas i,
gu comhnadh a thoirt. Ma bhios na Colonies air
an cosnadh do Chriosd, agus rioghail d'a bhrataich,
tha e soilleir gu 'm bi iad fathast na 'm meadhon
sònruichte gu bbi toirt nan dùthchanna dorcha a tha
timchioll orra, a dh' ionnsuidh soluis, agus eòlais
au Tighearna Tosa Criosd."
Tha na litrichean so a' nochdadh dhuinn, ciod an
raon mòr farsuing a tha air fhosgladh dhuinn anns
na " Colonies " — na rioghachdan òga sin, mar a dh'
fhaodas sinn a ràdh. Agus ma tha Dia aig kithneadh
m NA H-ALBA. [Feb. I. 1875.
dhuinn loanabh a thogail suas, mar bu choir dha
agus a' gealltuinn 'n uair a bhios e aosda, nach treig
e an t-slighe sin, tha so, a cheart cho fior mu riogh-
achdan. Uime sin, air do Dhia, na dùthchanna ud, a
chur mar gu 'm b'eadh air cùrani na h-Eaglais
màthaireil, deanamaidnadh' fhaodas sinn, gu aobhar
an Tighearna a chur air aghaidh, 'nam 'measg, le bhi
'neartachadh an làmhan, araon le bhi 'cur mhinis-
tearan do 'n ionnsuidh, agus le bhi ga 'n cuid-
eachadh le airgiod a thoirt, mar a bheir an
Tighearna 'n comas duinn.
TEACHDAIREACHD-C
FOREIGN
Is i crloch àraidh Teachdaireaclid - chèin ar
n-Eaglais, an soisgeul a ghiùlan chum nam fineachan
'tha aineolach air Dia. Cha-n 'eil an so ach aon
carrann de shaothair na h-Eaglais. Ach, cho fad 's
a gheibhear milltean air mhilltean de na chinne-
dhaoine nach cual riamh ainm an t-Slanuighir, 's
fheudar gu'm bi an Eaglais a' saothrachadh air
dhòigh sònruichte airson leas spioradail nam
fineachan. Tha sinn air ar gairm mar Eaglais gu
'bhi 'togail ar n-àite fcin anns an raon mhòr so, agus
gu 'bhi 'giùlan ar cuid fcin de 'n obair ann 'bhi
'toirt an t-saoghail fo bhuaidh an t-soisgeil. Tha
Teachdaireachd-chèin Saor-Eag!ais na h-Alba, gu
sònruichte, a dh' ionnsuidh Innsean na h-airde an
ear, ceann deas Africa agus Shiria, agus tha na
teachdairean a chuireadh a mach a' cur an cèill do
shluagh nan tìrean-cèin sin, an f hirinn, mar a tha
i ann an Iosa Criosd, a rèir 's mar tha dorus 's an
f hreasdal air fhosgladh dhoibh.
AFRICA.
Ann an Africa, tha ceithir ionadan-saothrachaidh
dlùth d' a chèile, Lobhdal, Burnshil, Macpharlan,
agus Piri. Air taobh tuath amhuinn Chei tha
Cunningam, agus deas air a sin Peadarmaritzburg,
ann am Mòr-Roinn Natail.
Peadarmaritzburg. — A bhliadhna an t-samhraidh
's a chaidh, thainig dùsgadh spioradail air sluagh
an àite so, 's am bheil an t-Urr. Mr Ailison a'
saothrachadh. Aithnichear a' chraobh air a toradh,
's tha 'n toradh a' dearbhadh gur e bh' ann a so obair
Spioraid Dhè. Bha mu thri fichead pearsa aig an
àm sin air an cur ris an Eaglais, agus tha iad an
diugh a' seasamh gu dileas, am measg iomadh
buairidh agus trioblaid, air taobh an aideachaidh.
Lobhdal. — " Mar uisgeachan fuar do 'n anam
thartmhor, mar sin tha deadh sgeul à tlr chein."
Is taitneach agus is aoibhneach an naigheachd a
HEIN NA H-EAGLAIS.
MISSIONS.
I fhuaras, toiseach an fhoghair, o thigh-foghluim
Lobhdail. Cha chualas a' leithid so a sgeul aoibh-
neach air son na deich bliadhna fichead a bhathas
a' saothrachadh 's an àite so. 'S fheudar dhuinn
aideachadh, le buidheachas ann am briathran an
t-Salmadair, " Riri'n Dia mòr-bhearta air ar son,
chuir òirnne gairdeachas." Cho luath 'sa rainig
naigheachd an dùsgaidh air feadh Galldachd na
h-Alba, an luchdsaotbrach' an so, agus air dhoibh
a chluinntinn gu'n robh ath-bheothachadh mòr
ann an cuid de choithionalan dlùth dhoibh, thoisich
iad air coinneamhan ùrnuigh a chumail na h-uile
oidhche ann an Lobhdal agus Alais. Chual iad guth
an Ti tha 'g radh le h-ùghdarras " Glaodh riumsa,
agus freagraidh mi thu, agus feuchaidh mi dhuit
nithean mòra agus cumhachdach, air nach 'eil thu
eòlach " (Ter. xxxiii. 3). Ehreagair an Tighearn air
ball guth an athchuinge, choimhlion e' fhocal, agus
dhoirt e mach a spiorad air " mic agus nigheanan "
's an ard thigh-fhoghluim sin. Bha na coinnimhean
air an cumail gach oidhche air son beagan sheachd-
duinean. R6 an km sin thugadh mu thri fichead 's
a deich de ghillean agus nigheanan dubh Cha-
fraria, gu cùram mu thimchioll tearnadh an
anama neobhasmhor, agus bha teachdairean, luchd-
teagaisg, agus foghlumaich 'deanamh gairdeachas
le 'cheile 's an t-slàinte choitchionn. Tha cunntas
a' tighinn o Mhr Ailison, mu thimchioll craobh-
sgaoileadh na h-oibre— mar 'tha an Tighearn a'
dùsgadh, agus ag athbheothachadh a shluaigh gu
bhi 'g a iarraidh, a chum 's gu 'n dean e air son
Shioin 's na laithean deireannach so na gheall E.
INNSEAN AN EAR.
Bithidh cuimhne air a bhliadhna 1874. mar
bhliadhna, 's an d' aithnich luchd-saothrachaidh ar
n-Eaglais ann an sin, toiseach laithean fionnair-
eachaidh o lathaireachd an Tighearna. Bha focal an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence