Skip to main content

‹‹‹ prev (67) Page 29Page 29

(69) next ››› Page 31Page 31

(68) Page 30 -
30
bith aig an Athair air a shon fèin air an teisteas so a thoirt
o nèamh, mu thimchioll a Mhic, oir bha fhios aige gu'n robh
Criosd ghnàtha deanadh a thoil, taitneach, ro thlachdmhor
leis. Cha mhò a bha feum aig Criosd air an teisteas so o
neamh da thaobh fèin, oir bha e làn fhiosrach do ghnàth air
gràdh an Athar da, mar a deir e fèin aig àm eile an uair a
thàinig guth o nèamh a toirt fianuis da. Fhreagair Iosa agus
thubhairt e, cha 'n ann air mo shonsa a thàinig an guth so,
ach air bhur s©nsa, air son math dhaoine, air son gu 'n
creideadh iad gom b'e Mac Dhe, agus Slanuighear an
t-saoghail. Anns an teisteas so tha an t-Athair a foillseach-
adh do dhaoinibh gu bheil e làn-toilichte le Mhac mar
Shlànuighear, agus ga chumail so a mach doibh chum gun
èisd iad ris, gu'm biodh iadsan toilichte leis, a creidsinn ann.
Tha co-chur slàinte Chriosd ri anamaibh agus coguisibh
pheacach, co feumail chum daoine a shaoradh o chumhachd
a' pheacaidh, agus o mhallachadh an lagha, agus a bha teachd
Chriosd, ùmhlachd agus a bhàs chum slàinte ullmhachadh.
Ach tha slàinte Chriosd air a co-chur ri peacaich a mhàin le
eisdeachd ris, creidsinn ann. Is an tre èisdeachd a thig
creideamh, etc. Da ionnsuidh-san bha na h-iobairtean uile
fodh 'n lagh a treòrachadh pheacach. Dasan thug Maois
agus na fàidhean uile fianuis, gu'm faigh gach neach a
chreideas ann maitheanas nam peacadh trid ainm-san, agus
da ionnsuidh-san, o gach iobairt agus fàidh tha an t-Athair
a t-ionndadh pheacach air son teagaisg agus slàinte — " Is e
so mo Mhac gràdhachsa, aims am bheil mo mhòr-thlachd
èisdibh ris.
Tha gach ni air a thoirt do Chriosd mar Eadar-mheadh-
onair leis an Athair, agus cha 'n aithne do neach sam bith
an t-Athair ach do'n Mhac, agus esan da 'n dean am Mac
'fhoillseachadh. Thoilich e an t-Athair gu còmhnuichidh
gach iomlanachd annsan. Tha gach solus Spioradail anns-
an, Grian na fireantachd. Is esan a ta soillseachadh gach
duine a ta teachd chum an t-saoghail. Is e so mo Mhac
gradhachsa, etc.
1. Tha an dleasnas so filleadh ann aire a thoirt do ghuth
Chriosd, do theagasg Chriosd.
Tha daoine gu nadurra, aineolach air Dia agus nithe
Dhia. Tha iad air am breith mar loth asail fhiadhaich,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence