Skip to main content

‹‹‹ prev (66) Page 28Page 28

(68) next ››› Page 30Page 30

(67) Page 29 -
29
3. Tha teisteas a' Bhreitheamh so fior agus cinnteach,
do bhrigh gar fìrinn e fèin. 'S e Dia na fìrinn, cha 'n 'eil
eucoir maille ris. Tha e fuathaohadh eucoir, a gràdhachadh
firinn agus ceartais, cha dean e eucoir air fèin no air a
chreutairean. Se Dia na firinn agus a bhreitheanais. Tha e
fior da lagh, da bhagairibh, da onair, agus da ghlòir ainni
agus a nàduir fèin. Agus se so a bhreith a ta Breitheamh
firinneach, cothromach na cruitheachd a toirt o nèamh air
Criosd an obair na saorsa. " Is e so mo Mhac gradhachsa
anns am bheil mo mhòr-thlachd."
Fa 'dheoidh feudaidh sinn a thabhairt fainear gu bheil
an teisteas so fior agus cinnteach. Gu bheil an t-Athair làn
toilichte le Criosd 'na phearsa agus 'na obair mar Shlàn-
uighear do bhrigh gu'n e coimhlionadh geallaidh fàidh a ta
ami ma thimchioll. Bha Criosd air fhoillseachadh le Dia,
agus air a ghealltuinn mar Shlànuighear fada mu'n d' thàinig
e a dh' ionnsuidh an t-saoghail. Bha e air fhoillseachadh,
agus air a thabhairt an gealladh an gàradh Eden, sliochd na
mnà a bha gu ceann na nathrach a bhruthadh. A ris le
Maois, togaidh an Tighearn do Dhia suas fàidh dhuit o d'
mheadhon fèin o d' bhràithribh cosmhuil riumsa. Le
Daibhidh, gidheadh dh' ung mise mo righ air Zion.
Thubhairt an Tighearn rium, Is tu mo mhac-sa, an diugh
ghin mi thu.
Feuch, a deir an Tighearn mu thimchioll Chriosd leis an
fliàidh Isaiah. Feuch m' òglach a chumas mi suas, m' aon-
taghta aims am bheil tlachd aig m' anam. Uime sin 'se an
teisteas, Dia an t-Athair a bhi Ian toilichte le pearsa agus
obair Chriosd mar Shlànuighear coimhlionadh air foilseach-
adh agus gealladh Dhia ni a ta dearbhadh ùghdarras agus
firinn an teisteis. Mar a ta aiseirigh Chriosd o na marbh-
aibh agus àrdachadh gu deas-làimh an Athar, agus gach
cumhacbd air neamh, &c. Is leòir na nithe so chum
dearbhadh ùghdarras agus firinn an teisteis.
Tha so ga'r toirt gus an treas ni : — Dleasnas gach neach
a chluinneas, no 'leughas teisteas an Athar, eisdeachd ris,
gabhail ris, mar an Slànuighear agus an Tighearn.
'S ann air son na criche so gu h-àraidh a bha an teisteas
so air a thoirt da o neamh gu'm biodh peacaich a sealtuinn
d'a ionnsuidh agus a' creidsinn ann. Cha robh feum sam

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence