Skip to main content

‹‹‹ prev (406) Page 402Page 402

(408) next ››› Page 404Page 404

(407) Page 403 -
I. PHEADAIE.
403
deanamh mòr-ghairdeachais,
ged tha sibh a nis rè ùine
bhig, (ma's feumail e,) fo
thuirse tre iomadh buaireadh.
7 Chum gu faighear dearbh-
adh bhur creidimh, ni's luach-
mhoire gu mòr na òr a thèid
am mugha, ged dhearbhar le
teine e, chum cliu, agus urr-
aim, agus glòir aig foillseach-
adh Iosa Criosd ;
8 D'ara bheil sibh a' toirt
gràidh, ged nach faca sibh e ;
agus ged nach 'eil sibh a nis
'ga fhaicinn, air dhuibh bhi
creidsinn ann, tha sibh a'
deanamh mòr-ghairdeachais
le h-aoibhneas air dol thar
labhairt, agus làn do ghlòir :
9 A' faotainn crìche bhur
creidimh, eadhon slàinte bhur
n-anama :
10 Slàinte mu'n d'f hiosraieh
na fàidhean, agus mu'n d'rinn
iadgeur-rannsachadh, muinn-
tir a rinn fàidheadaireachd
mu'n ghràs a bha gu teachd
do 'ur n-ionnsuidh-sa ;
11 A' rannsachadh ciod i,
no ciod a' ghnè aimsir a bha
Spiorad Chriosd annta-san a'
foiiiseaehadh, 'nuair a rinn e
fianuis roimh-laimh air ful-
angasaibh Chriosd, agus a'
ghìòir a bha gu'n leantuinn.
12 Muinntir d'an d'fhoill-
sicheadh, nach b'ann doibh
fein, ach dhuinne a f hritheil
iad na nithe a tha nis air an
cur an cèill duibh leo-san a
shearmonaich an soisgeul
duibh, leis an Spiorad naomh
a chuireadh a nuas o nèamh ;
nithe air am miann leis na
h-ainglibh beachdachadh.
13 Uime sin crioslaichibh
leasraidh bhur n-inntinn,bith-
ibh measarra, agusbiodh dòch-
as diongmhalta agaìbn as a'
ghràs a bheirear dhuibh aig
foillseachadh Iosa Criosd ;
14 Mar chloinn ùmhal, gun
bhi 'gur comh-chumadh fèin
ris na h-ana-miannaibh, a bha
agaibh roimh ann an àm bhur
n-aineolais :
] 5 Ach a rèir mar a ta esan
a ghairmsibh naomh, bithibh-
sa naomha mar an ceudna
'nur n-uile chaithe-beatha :
16 Do bhrìgh gu bheil e
sgrìobhta, Bithibh-sa naomha,
oir a ta mise naomh.
17 Agus ma ghoireas sibh
air an Athair, a bheir breth a
rèir oibre gach neach, gun
chlaon-bhàigh ri neach seach
a chèile, caithibh aimsir bhur
cuairt an so le h-eagal:
18 Air dhuibh fios a bhi
agaibh nach do shaoradh sibh
le nithibh truaillidh, mar a ta
airgiod agus òr, o bhur caithe-
beatha dìomhain, a thugadh
dhuibh o bhur sinnsireachd ;
19 Ach le fuil luachmhoir
Chriosd, mar fhuil Uain gun
chron, gun smal :
20 Neach gu deimhin
a roimh-orduicheadh roimh
chruthachadh an t-saoghail,
ach a dh'fhoillsicheadh anns
na h-aimsiribh deireannacli
air bhur sonsa ;
21 Muinntir trìd-san a ta
creidsinn ann an Dia a thog
esan o na marbhaibh, agus a
thug glòir dha, chum gu'm
biodh bhur creidimh agus
bhur muinghin ann an Dia.
22 Do bhrìgh gu'n do ghlan
sibh bhur n-anama le ùmh-
lachdathoirt do'n fhìrinn tre
'n Spiorad, chum gràidh neo-
chealgaich do na bràithribh ;
feuchaibh gu'n toir sibh gràdh
d'a chèile a cridhe glan gu
lurachdach:

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence