Skip to main content

‹‹‹ prev (315) Page 311Page 311

(317) next ››› Page 313Page 313

(316) Page 312 -
312
I. CORINTIANACH.
CAIB. XVI.
A NIS a thaobh an tionail
-*•-■- air son nan naomh, mar
a dh'orduich mi do eaglaisibh
Ghalatia, mar sin deanaibh-sa
mar an ceudna.
2 Air ceud là gach seachd-
uin, cuireadh gach aon agaibh
ni leis fèin anns an ionmhas,
a rèir mar a shoirbhich leis,
chum nach bi tionail r'an dean-
amh 'nuair a thig mise.
3 Agus an uair a thig mi, cò
air bith iad a mholas sibh le
'ur litrichibh, cuiridh mi iad-
san a ghiùlan bhur tabhartais
gu Ierusalem.
4 Agus ma's iomchuidh mise
a dhol mar an ceudna, thèid
iadsan a'm' chuideachd.
5 Agus thig mi do 'ur n-
ionnsuidh-sa, 'nuair a thèid
mi troimh Mhacedonia : (oir
tha mi dol troimh Mhacedo-
nia:)
6 Agus feudaidh e bi gu'm
fan mi, no eadhon gu'n caith
mi an geamhradh maille ribh,
chum gu n toir sibh air m'a^h-
aidh mi, ge b'e àit d'an teid
mi.
7 Oir cha'n àill leam bhur
faicinn anis san dol seachad ;
ach tha dùil agam fantuinn rè
tamuill maille ribh, ma leig-
eas an Tighearn dhomh.
8 Ach fanaidh mi ann an
Ephesus gu Cuingeis.
9 Oir dh'fhosgladh dorus
mòr agus èifeachdach dhomh-
sa, agus tha mòran eascaird-
ean ann.
10 A nis ma thig Timoteus,
feuchaibh gu'm bi e gun eagal
maille ribh : oir tha e a'
saoithreachadh ann an obair
an Tighearna, mar a ta mise.
11 Ùime sin na deanadh
neach sam bith tàir air . ach
thugaibh air aghaidh e an sìth,
chum gu'n tig e a m' ionn-
suidh-sa : oir tha sùil agam
ris maille ris na bràithribh.
12 Mu thimchioll ar bràthar
Apollois, ghuidh mi gu dùr-
achdach air teachd do 'ur n-
ionnsuidh-sa maille ris na
bràithribh : ach cha b'i a thoil
air chor sam bith teachd san
àm so ; ach thig e 'nuair a
gheibh e àm iomchuidh.
13 Deanaibh faire, seasaibh
gu daingean sa' chreidimh,
bithibh fearail, bithibh làidir.
14 Biodh bhur n-uile nithe
air an deanamh le gràdh.
15 Agus guidheam oirbh, a
bhràithre, (o's aithne dhuibh
teaghlach Stephanais, gur iad
ceud thoradh Achaia, agus
gu'n d'thug siad iadfèin chum
frithealaidh do na naomh-
aibh;)
16 Gu'm bi sibh ùmhal d'an
leithidibh sin, agus do gach
aon a ni obair agus saothair
mailleruinne.
17 Tha mi subhach ri teachd
Stephanais, agus Fhortuna-
tuis, agus Achaicuis : oirrinn
iad suas an ni sin a bha dh'-
uireasbhuidh do 'ur taobh-sa.
18 Oir thug iad suaimhneas
do m' spiorad-sa, agus do 'ur
spiorad-sa : uime sin biodh
meas agaibh air an leithidibh
sin.
19 Tha eaglaisean na h-Asia
a' cur fàilte oirbh. Tha A-
cuila agus Priscila, maille ris
an eaglais a tha 'nan tigh, a'
cur mòr-f hàilte oirbh anns an
Tighearn.
20 Tha na bràithrean uile a'
cur fàilte oirbh. Cuiribhsa
fàilte air a cheile le pòig
naoimh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence