Skip to main content

‹‹‹ prev (313) Page 309Page 309

(315) next ››› Page 311Page 311

(314) Page 310 -
310
I. CORINTIANACH.
17 Agus mur d'èirich
Criosd, tha bhur creidimh-sa
dìomhain ; tha sibh fathast
ann bhur peacaibh.
18 Mar sin mar an ceudna
tha an dream a choidil ann
an Criosd, caillte.
J9 Ma's anns a' bheatha so a
mhàin a tha dòchas againn
ann an Criosd, is smn a's
truaighe do na h-uile dhaoin-
ibh.
20 Ach a nis tha Criosd air
èirigh o na marbhaibh, agus
rinneadh an ceud thoradh
dhiubh-san a choidil dheth.
21 Oir mar is ann tre dhuine
thàinìg am bàs, is ann tre
dhuine thig aiseirigh nam
marbh mar an ceudna.
22 Oir mar ann an Adhamh,
a ta na h-uile a' faghail a'
bhàis, is amhuil sin mar an
ceudna anìthearnah-uile beò
ann an Criosd.
23 Ach gach uile dhuine 'na
ordugh fèin : Criosd an ceud
thoradh, 'na dhèigh sin iad-
san a's le Criosd aig a theachd.
24 An sin bithidh a' chrìoch
dheireannach, 'nuair a bheir
e suas an rìoghachd do Dhia,
eadhon an t-Athair ; 'nuair a
chuireas e as do gach uile
uachdaranachd, agus gach uile
ùghdarras, agus chumhachd.
25 Oir is èigin gu'n rìogh-
aich e, gus an cuir e a naimhd-
ean uile fo a chosaibh.
26 Sgriosar an nàmhaid deir-
eannach, am bàs.
27 Oir chuir e na h-uìle nithe
10 a chosaibh. Ach an uair a
ta e ag ràdh gun do chuir e
na h-uile nithe fuidh, is ni
follaiseach gu bheil esan a
chuir na h-uile nithe fuidh, an
letli muigh dheth so.
28Agus an uair a chuirear
na h-uile nithe fuidh, an sin
bithidh am Mac fèin fo 'n ti
a chuir na h-uile nithe fuidh-
san, chum gu'm bi Dia 'na
uile anns na h-uile.
29 No ciod a ni iadsan a
bhaistear air son nam marbh,
mur èirich na mairbh air aon
dòigh? c'ar son ma seadh a
bhaistear iad air son nam
marbh?
30 Agus c'ar son a ta sinne
an gàbhadh gach uair ?
31 Air bhur gàirdeachas-sa
a tha agam ann an Iosa Criosd
ar Tighearn, tha mi faghail a'
bhàis gach là.
32 Ma chòmhraig mi mar
dhuine ri fiadh-bheathaichibh
ann an Ephesus, ciod i mo
thairbhe, mur èirich na
mairbh ? itheamaid agus òìa-
maid, oir am màireach gheibh
sinn bàs.
33 Na meallar sibh : truaill-
idh droch chomhluadar deadh
bheusa.
34 Dùisgibh chum fìreant-
achd, agus na deanaibh peac-
adh; oir cha'n 'eil eòlas Dè
aig cuid: chum bhur nàire
tha mi a' labhairt so.
35 Ach their neach èigin,
Cionnus a dh'èireas na
mairbh? agus ciod a' ghnè
cuirp leis an tig iad ?
36 Amadain, an ni sin a
chuireas tu, cha bheothaich-
ear e, mur bàsaich e air tùs :
37 Agus an ni a chuireas tu,
cha'n e an corp a bhitheas a
ta thu cur, ach gràinne lom,
feudaidh e bi do chruith-
neachd, no do sheòrsa èigin
eile:
38 Ach a ta Dia a' toirtcuirp
dha mar bu toil leis, agus do
gach uile shìol a chorp fèin.
39 Cha'n aon fheòil gach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence