Skip to main content

‹‹‹ prev (295) Page 291Page 291

(297) next ››› Page 293Page 293

(296) Page 292 -
292
I. CORINTIANACH.
ìad ; agus cha'n 'eil e'n coraas
da eòlas a ghabhail orra t do
bhrìgh gur ann air mhodh
spioradail a thuigear iad.
15 Ach bheir an duine spior-
adail breth air na h-uile nith-
ibh, gidheadh cha'n 'eil e fèin
fo bhreth duine sam bith.
16 Oir cò d'am b'aithne inn-
tinn an Tighearn, agus a
theagaisgeas e ? ach tha inn-
tinn Chriosd againne.
CAIB. III.
AGUS, a bhràithre, cha'n
f heudainn - sa labhairt
rìbhse mar ri daoinibh spior-
adail, ach mar ri daoinibh feòl-
mhor, amhuil ri naoidhean-
aibh ann an Criosd.
2 Bheathaich mi le bainne
sibh, agus cha'n'ann le biadh:
oir fathast cha b'urrainn sibh
a ghabhail, agus a nis fèin
cha'n urrainn sibh.
3 Oir a ta sibh fathast feòl-
mhor: oir a thaobh gu bheil
farmad 'nur measg, agus strì,
agus aimhrèite, nach 'eil sibh
feòlmhor, agus ag imeachd
mar dhaoine?
4 Oir an uair a ta neach ag
ràdh, Is le Pòl mise; agus
•neach eile, Is le Apollos mise;
nach 'eil sibh feòlmhor ?
5 Cò e ma seadh Pòl, agus
cò e Apollos, ach ministeirean
tre'n do chreid sibh, eadhon
mar a thug an Tighearn do
gach aon ?
6 Shuidhich mise, dh'uisgich
Apollos : ach 'se Dia a thug
am fàs.
7 Uime sin ma seadh, cha'n
'eil anns an ti a shuidhicheas
no anns an ti a dh'uisgicheas,
brìgh sam bith ; ach ann an
Dia a ta toirt an f hàis.
8 An ti a shuidhicheas, agus
an ti a dh'uisgicheas, is aon
iad : agus gheibh gach aon a
dhuais fèin, a rèir a shaothair
fèin.
9 Oir is comh-luchd-oibre
do Dhia sinne : is sibhse
treabhachas Dhè, is sibh ait-
reabh Dhè.
10 A rèir gràis Dè a thugadh
dhomh-sa mar fhear-togail
aitreabh glic leag mi am bun-
ait, agus a ta neach eile a'
togail air, ach thugadh gach
neach an aire cionnus a thog-
as e air.
11 Oir bunait eile cha'n ur-
rainn duine sam bith a leag-
adh, ach am bunait a leagadh
a cheana, eadhon Iosa Criosd.
12 A nis ma thogas neach
air a' bhunait so, òr, airgiod,
clacha luachmhor, fiodh, feur,
connlach ;
13 Nìthear obair gach aoin
duine follaiseach : oir nochd-
aidh an là i, do bhrìgh gu'm
foillsichear i le teine ; agus
dearbhaidh an teine obairgach
aoin, ciod is gnè dhith.
14 Ma dh'fhanas obair
neach sam bith a thog e air,
gheibh e duais.
15 Ma loisgear obair neach
sam bith, fuilgidh e call : ach
saorar e fèin ; gidheadh mar
tre theine.
16 Nach 'eil fhios agaibh
gur sibh teampull Dè, agus
gu bheil Spiorad Dè, 'na
chòmhnuidh annaibh ?
17 Ma thruailleas neach air
bith teampull Dhè, sgriosaidh
Dia an ti sin: oir a ta teampull
Dhè naomh, agus is sibhse e.
18 Na mealladh neach air
bith e fèin: ma shaoileas neach
air bith 'nur measg efèin bhi
glic san t-saoghal so, biodh e
'na amadan, chum gu'm bi e
glic.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence