Skip to main content

‹‹‹ prev (253) Page 249Page 249

(255) next ››› Page 251Page 251

(254) Page 250 -
250
GNIOMHARA.
17 Agus an uair a thàinig
sinn gu Ierusalem, ghabh na
bràithre ruinn gu subhach.
18 Agus air an ath là, chaidh
Pòl maille ruinne dh'ionn-
suidh Sheumais ; agus bha na
seanairean uile a làthair.
19 Agus air dhasan fàilte
chur orra, chuir e'n cèill doibh
fa leth na nithe a rinn Dia
le 'mhinistreileachd-san am
measg nan Cinneach.
20 Agus an uair a chual iad-
san so, thug iad glòir do'n
Tighearn, agus thubhairt iad
ris-san, Tha thu faicinn, a
bhràthair, cia lìon mìle do na
h-Iudhaich a ta creidsinn ; a-
gus tha iad uile ro eudmhor
mu'n lagh.
21 Agus chual iad umadsa,
gu bheil thu teagasg do na h-
Iudhaich uile a ta measg nan
Cinneach, Maois a thrèigsinn,
ag ràdh riu, Nach còir dhoibh
an clann a thimchioll-ghearr-
adh, no gluasad a reir nan
gnàth.
22 Ciod uime sin a mthear ?
Gun teagamh, is èigin do'n
t-sluagh cruinneachadh : oir
cluinnidh iad gu'n d'thàinig
tliu.
23 Uime sin dean so a ta
sinne ag ràdh riut : Tha ceath-
rar fhear mailìe ruinn, air am
bheil bòid;
24 Thoir iadsan leat, agus bi
air do ghlanadh maille riu,
agus dean costus leo, chum
gu bearr iad an cinn : agus
gu'm bi fhios aìg na h-uile
nach 'eil ach neo-ni anns na
chual iad mu d' thimchioll-sa,
ach gu bheil thu fèin mar an
ceudna ag imeachd gu riagh-
ailteach, agus a' coimhead an
Jagha.
25 Acli mu thimchioll nan
Cinneach a chreid, sgriobli
sinne agus b'i ar breth, gun
iad a ghleidheadh a h-aon do
na nithibh sin, ach a mhàin
iad fèin a choimhead o nithibh
a chaidh ìobradh do ìodhol-
aibh, agus o fhuil, agus o ni
tachdta, agus o strìopachas.
26 An sin ghabh Pòl na
daoine ; agus air an là màir-
each air dha bhi air a ghlan-
adh maille riu, chaidh e steach
do'n teampull, a' foillseach-
adh coimhlionaidh làithean a'
ghlanaidh, gus an tugtadh ta-
bhartas air son gach aon
aca.
27 Agus an uair a bha na
seachdiàitheanairbheagnithe
air an coimhlionadh, air do na
h-Iudhaich o'n Asia esan
f haicinn san teampull, bhros-
nuich iad am pobull uile agus
chuir iad làmh ann,
28 Ag èigheach, Fheara Is-
raeil, cuidichibh ; is e so an
duine a ta teagasg nan uile
dhaoine anns gach àit an agh-
aidh a' phobuill, agus an lagha,
agus an àite so : agus os bàrr,
thug e steach Greugaich do'n
teampull, agus shalaich e'n t-
ionad naomh so.
29 (Oir chunnaic iad Tro-
phimus an t-Ephesianach
roimhe sin anns a' bhai]e
maille ris, agus shaoil iad gu'n
d'thug Pòl a steach do'n team-
pull e.)
30 Agus ghluaiseadh am
baile gu h-iomìan, agus ruith
an sluagh cuideachd : agus air
dhoibh breith air Pòl, tharr*
uing iad a mach as an teara-
pull e : agus air ball dhùin-
eadh na dorsa.
31 Agus an uair a b'àill leo
a mharbhadh, chaidh sgeuia
dh'ionnsuidh àrd-cheannaird

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence