Skip to main content

‹‹‹ prev (195) Page 191Page 191

(197) next ››› Page 193Page 193

(196) Page 192 -
192
ÈOIN.
15 Ma's toigh leibh mise,
coiuihidibh m'àitheantan :
16 Agus guidhidh misean t-
Athair, agus bheir e dhuibh
Comhfhurtair eile, chum gu
fan e maille ribh gu bràth ;
17 Spiorad na fìrinn ; neach
nach urrainn an saoghal a
ghabhail, do bhrìgh nach 'eil
e 'ga fhaicinn, agus nach
aithne dha e : ach is aithne
dhuibhse e, oir tha e fantuinn
maille ribh, agus bithidh e
annaibh.
18 Cha'n fhàg mi sibh 'nur
dìlleachdain ; thig mi do 'ur
n-ionnsuidh.
19 Tamull beag fathast, a-
gus cha'n f haic an saoghal mi
tuilleadh ; ach chi sibhse mi :
do bhrìgh gu bheil mise beò,
bithidh sibhse beò mar an
ceudna,
20 Anns an là sin bithidh
fios agaibh gu bheil mise ann
am Athair, agus sibhse ann-
am-sa, agus mise annaibh-
sa.
21 An ti aig am bheil m'
àitheanta-sa, agus a ta 'gan
coimhead, is esan aig am bheil
gràdh dhorah-sa : agus an ti
aig am bheilgràdh dhomh-sa,
gràdhaichear le m' Athair e,
agus gràdhaichidh mise e,
agus foillsichidh mi mi fèin
da.
22 Thubhairt Iudas, (cha'n e
Iscariot,) ris, A Thighearn,
c'ar son a dh'f hoillsicheas tu
thu fèin dhuinne, agus nach
dean thu sin do'n t-saoghal ?
23 Fhreagair Iosa agus thu-
bhairt e ris, Ma ghràdhaicheas
neach mise, coimhididh e m'
f hocal : agus gràdhaichidh
m'Athair esan, agus thig sinn
d'a ionnsuidh, agus ni sinn
còmhnuidh maìlle ris.
24 An ti nach gràdhaich
mise, cha choimhid e mo
bhriathra: agus am focal a
ta sibh a' cluinntinn, cha
leamsa e, ach leis an Athair a
chuir uaith mi.
25 Na nithe so labhair mi
ribh, air dhomh bhi m'
chòmhnuidh maille ribh :
26 Ach an Comhfhurtair,
an Spioradnaomh, achuireas
an t-Athair uaith a'm' ainm-
sa, teagaisgidh esan dhuibh na
h-uile nithe, agus cuiridb e'n
cuimhne dhuibh na h-uile
nithe a labhair mise ribh.
27 Tha mi fàgail sìthe ag-
aibh, mo shìth-sa a ta mi toirt
duibh : cha'n ann mar a bheir
an saoghal, a tha mise toirt
duibh. Na biodh bhur cridhe
fo thrioblaid, agus na biodh
eagal air.
28 Chuala sibh mar thubhairt
mi ribh, Tha mi falbh, agus
thig mi rìs do'ur n-ionnsuidh.
Nam biodh gràdh agaibh
dhomh~sa, bhiodh aoibhneas
oirbh, a chionn gu'n dubhairt
mi, Tha mi dol chum an
Athar : oir is mò m'Athair na
mise.
29 Agus a nis dh'innis mi
dhuibh so roimh dha teachd
gu crìch, chum, 'nuair a thig e
gu crìch, gu creideadh sibh.
30 A so suas cha labhair mi
mòran ribh: oir a ta uachd-
aranan t-saoghail so a' teachd,
agus cha'n 'eil ni air bith aige
annam-sa.
31 Ach a chum gu'm bi fios
aig an t-saoghal gur ion-
mhuinn leam an t-Athair; agus
mar a thug an t-Athair àithne
dhomh, mar sin a /ta mi a'
deanamh. Eiribh, rachamaid
as so.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence