Skip to main content

‹‹‹ prev (178) Page 174Page 174

(180) next ››› Page 176Page 176

(179) Page 175 -
EOIN.
175
Mhaois air a bhriseadh ; am
bheil fearg agaibh riumsa, a
chionn gu'n d'rinn mi duine
uile slàn air an t-sàbaid?
24 Na tugaibh breth a rèir
coslais, ach thugaibh breth
cheart.
25 An sin thubhairt cuid
do mhuinntirIerusaleim,Nach
e so esan a tha iad ag iarraidh
a mharbhadh ?
26 Agus, feuch, tha e labh-
airtgu follaiseach, agus cha'n
'eil iad ag ràdh ni sam bith
ris : ambheil dearbh-fhios aig
na h-uachdarain gur e so da
rìreadh Criosd?
27 Gidheadh is aithne dhuinn
an duine so cia as da : ach an
uair a thig Criosd, cha'n aithne
do neach air bith cia as da.
28 An sin ghlaodh Iosa san
teampull, agus e a' teagasg,
ag ràdh, Is aithne dhuibh
araon mise, agus cia as domh :
agus cha d'thàinig mi uam
fein, ach a ta esan f ìor achuir
uaith mì, air nach 'eii eòlas
agaibh-sa.
29 Ach a ta eòlas agam-sa
air ; oir is ann uaith a ta mi,
agus chuir esan uaith mi.
30 An sin dh'iarr iad a
ghlacadh : ach cha do chuir
neach air bith làmh ann, a
chionn nach robh 'uair-san
fathast air teachd.
31 Agus chreid mòran do'n t-
sluagh air, agusthubhairtiad,
'Nuair a thig Criosd, an dean
e ni's mò do mhìorbhuilibh
na iad sin arinn an duine so?
32 Chuala na Phairisich gu'n
robh an sluagh a'borbhanaich
nan nithe so m'a thimchioll :
agus chuir na Phairisich agus
na h-àrd-shagairt maoir g'a
ghlacadh.
33 An sin thubhairt Iosa,
Fathast tamull beag tha mise
mailie ribh, agus an sin a ta
mi dol chum an ti a chuir
uaith mi.
34 Iarraidh sibh mi, agus
cha'n f haigh sibh mi : agus
do'n àit am bi mi, cha'n urr-
ainn sibhse teachd.
35 An sin thubhairt na
h-Iudhaich eatorra fèin, C'àit
an tèid am fear so, nach faigh
sinn e ? an tèid e chum na
muinntir a ta air an sgapadh
am measg nan Greugach, agus
an teagaisg e na Greugaich ?
36 Ciod i a' chainnt so a
thubhairt e, Iarraidh sibh mi,
agus cha'n fhaigh sibh mi : a-
gus do'n àit am bheil mise,
cha'n urrainn sibhse teachd?
37 Air an là dheireannach,
là mòr sin na fèille, sheas Iosa
agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma
tha tart air neach sam bith,
thigeadh e m'ionnsuidh-sa, a-
gus òladh e.
38 An ti a chreideas ann-
am-sa, mar a ta an sgriobtuir
agràdh, sruthaidhasabhroinn
aimhnichean do uisge beò.
39 (Ach labhair e so mu'n
Spiorad, a bha iadsan achreid-
eadh annsan gu f haghail : oir
cha robh an Spiorad fathast
aira thabhairt, do bhrìghnach
robh Iosa fathast air a ghlòr-
achadh.)
40 Uime sin, an uair a chuala
mòran do'n t-s!uagh a'chainnt
so, thubhairt iad, Gu fìrinn-
each is e so am fàidh.
41 Thubhairt cuid eile, Is
e so Criosd. Aph thubhairt
dream eile, An anyi o Ghaliie
a thig Criosd ?
42 Nach dubhairt an sgriob*
tuir, Gu'n tig Cviosd do shìol
Dhaibliidh, agus a Betlehem,
am baiìe san robh Daibhidh ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence