Skip to main content

‹‹‹ prev (7) [Page 3][Page 3]

(9) next ››› Page 5Page 5

(8) Page 4 -
MATA.
mar ainm air, is ìonnan sm r a
ràdh, air eadar-theangachadh,
Dia maille ruinn.)
24 Agus air mosgladh do
Ioseph as a chodal, rinn e mar
a dh'iarr aingeal an Tighearn
air, agus ghabh e d'aionnsuidh
a bhean :
25 Agus cha d'aithnich e i
gus an d'rug i a ceud-ghin
mic; agus thug e Iosa mar
ainm air.
CAIB. II.
A GUS an uair a rugadh losa
•Pfh ann am Betlehem Iudea,
ann an làithibh Heroid an
righ, feucn, thàinig druidhean
o'n àird an ear gu lerusalem,
2 Ag ràdh, C'àit am bheil
righ sin nan Iudhach a ta air
a bhreith ? oir chunnaic sinne
a reult san àird an ear, agus a
ta sinn air teachd a thabhairt
aoraidh dha.
3 An uair a chual Herod an
righ sin f bha e fo thrioblaid,
agus lerusalem uilemailleris.
4 Agus air cruinneachadh
nan àrd-shagartuile dha, agus
sgrìobhaichean an t-sluaigh,
dh'f heòraich e dhiubh c'àit an
robh Criosd gu bhi air a
bhreith.
5 Agus thubhairt iad ris,
Annam Betlehem ludea: oir
mar so sgrìobhadh leis an
fhàidh,
6 Agus thusa Bhetlehem an
tìr Iudah, cha tu idir a's lugha
am measg cheannard Iuda :
oir asadsa thig Uachdaran a
stiùras mo shluagh Israei.
, 7 An sin air cio Herod na
druidhean a ghairm os ìosal
d'a ionnsuidh, gheur-fhios-
raich e dhiubh cia an t-àm an
d'f hoillsicheadh an reult.
8 Agus chuir e iad gu Betle-
hem, agus thubhairt e, Imich-
ibh, agus iarraibh gu dìchiol-
lach an naoidhean; agus an
dèigh dhuibh fhaotainn, inn*
sibh dhomhsa e, chum gu
racham-sa fein, agus gu deaiv
am aoradh dha.
9 Agus an uair a chual iad
an righ, dh'imich iad; agus,
feucli, chaidh an reult a chun-
naic iad san àird an ear rompa,
gus an d'thàinig i agus gu'n
do stad i os ceann an ionaid
an robh an naoidhean.
10 Agus an uair a chunnaic
iad an reult, rinn iad gaird-
eachas le h-aoibhneas ro-
mhòr.
11 Agus air dol a steach
dhoibh do'n tigh, fhuair iad
an naoidhean maille r'a mhà-
thair Muire, agus thuit iad
sìos, agus rin iad aoradh dha:
agus air fosgladh an ionmhas
dhoibh, thug iad dha tiodhlac-
an ; òr, agus tùis, agus mirr.
12 Agus air faotainn rabhaidh
o Dhia ann am bruadar, gun
iad a philltinn a dh'ionnsuidh
I Heroid, chaidh iad d'an dùth-
• aich fèin air slighe eile.
' 13 Agus an uair a dh'imich
I iadair an ais, feuch, nochdadh
I aingeal an Tighearna do los-
eph ann am bruadar, ag ràdh,
Eirich, agus gabh an naoidh-
ean agus a mhàthair, agus
teich do'n Eiphit, agus bi an
sin gus an labhair mise riut :
oir iarraidh Herod an naoidh*
ean g'a mhilleadh.
14 x\gus dh'èirich e, agus
ghabh e d'a ionnsuidh an na-
oidhean agus a mhàthair san
oidhche, agus dh'imich e do'n
Eiphit :
15 Agus bha e an sin gu bàs
Heroicl : a chum gu coimh-
liontadh an ni a labhair an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence