Skip to main content

‹‹‹ prev (289) Page 269Page 269

(291) next ››› Page 271Page 271

(290) Page 270 -
270 Seòladh gu Caithe-beatha nèamliaidh
adh do mo chridhe air an fhois, agus gu'n suidhich è
mo' chridhe an làthair 'Athar, chum gu'm pìll mì, mar
phìll na buachaillean o'n t-sealladh nèamhaidh, ' a'
glòrachadh 's a 1 moladh Dhè, airson nan uile nithe a
chuala 's a chunnaic mì'." A' cheud uair a chunnaic
na h-Innseanaich gu'm b'urrainn na Sasunnaich labh-
airt ri 'chèile, agus an gnothaichean a chur air aghaidh
cho maith, le litrichean, shaoil leo gu'n robh spiorad
air a dhùnadh astigh anns gach litir. Chuir fios a
ghiùlain o àit gu àit le litrichean mòr iongantas air na
h-Innseanaich bhochd, aineolach. Mar sin, matà, gabh-
aidh muinntir eile iongantas 'nuair a chì ìad co-chomunn
aig Criosduidhean ri Uia 'n an dleasanasaibh ; agus
theirear, " Ciod a tha na Criosduidhean sin a' faotuinn
anns na Sgriobtuiribh sin, anns na searmoinibh sin
agus anns na h-ùrnuighean sin a tha nis a' lìonadh an
cridheachan le aoibhneas cho mòr, agus 'g an togail cho
àrd os-ceànn muinntir eile ?" Gu cinnteach, cuidichidh
Dia sinn gu pailt ann an coimhlionadh ar dleasanais,
ma bhitheas sinn an còmhnuidh dìchiollach, seasmhach.
Mur trèig thusa do shonas fèin, cha trèig Dia a
chaoidh thu. Cuimhnich, uime sin, a bhi gu dùrachd-
ach a' sìor-ùrnuigh airson do mhinisteir, gu'n cuireadh
Dia teachdaireachd spioradail 'n a bhèul, a bheathaich-
eas agus a clh-ùraicheas do spiorad le blàs nèamhaidh.
Ach gu-ma feàrr leat focal Dhd fein a thoirt leat na
briathran a' mhinisteir.
6. Gnàthaich gach cuspair, gach cùis 'us uair, a
chum d'anam a chumail ann am beò chuimhne air
dlùth theachd na foise so. Is meadhon gach freasdal
•us crèutair a chum ar treòrachadh a dh-ionnsuidh ar
fois' ; oir is ì crìoch nan uile nithe anns a' bheatha so
fein sinne 'chuideachadhann an ullachadh airson nèimh.
Cha bhitheadh na beannachdan a's taitniche, a tha Dia
a' buileachadh òirnn an diugh, leth cho taitneach 's a
tha ìad, mur bitheadh ìad a' comharrachadh amach
taitneis na's mò dhuinn. Cha n-'eil agad ach an lòm
eàrlas, gun ghuth air d'àrd thuarasdal, 'nuair a ghabhas
tu do thròcairean eile, gun chuimhne agad idir air do
chrùn. b'fheàrr gu'n robh Criosduidhean na's
eòlaiche air an ealantas so 1 Faodaidh tu do Bhìobull

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence