Skip to main content

‹‹‹ prev (288) Page 268Page 268

(290) next ››› Page 270Page 270

(289) Page 269 -
a choimhead air thalamh. 269
f
aich thusa òrduighean T>è chum na criche so, agus gu
cìnnteach soirbhichidh leat. Nach b'aoibhneach leat
sgrìobag litir 'f haotuinn o charaid, 'nuair nach b'urrainn
thu 'fhaicinn aghaidh ri aghaidh I Agus mar sin, nach
f haod ar cridheachan co-ehomunn a bhi aca ri Dia 'n a
òrduighean fèin, ged robh ar cuirp fathast fada uaith ?
Nach fhaod ar spioradan gàirdeachas a dheanamh ann
an lèughadh nan litrichean sin air feadh an Sgriobtuir,
anns am bheil ar dìleab agus ar còir air nèamh air an
sgrìobhadh dhuinn ? Le aiteas agus àrd aoibhneas
faodaidh sinn lèughadh mu ghràdh Dhè dhuinn, agus
cluinntinn mu thimchioll ar dùcha nèamhaidh fèin, ged
nach tàinig fathast an là sona sin air an tèid sinn astigh
a ghabhail seilbh oirre ! Is maith is urrainn daoine, a
tha air an dealachadh o 'chèile le muir 'us fònn, labh-
airt ri 'ehe'ile, agus am buannachd a chur air aghaidh le
litrichean a sgriobhadh a dh-ionnsuidh cach a chèile,
agus nach fhaod an Criosduidh a dhleasanais fdin a
dheanamh gu glic, tarbhach, agus a bhuannachd shona
sin a ghreasad air aghaidh, a bheir gu fois è !
Thig anis, matà, tilg uait foirmealachd agus gach
cleachdadh 'us moladh faoin, agus lùb thu-fèin sìos gu
h-uaigneach, no gu follaiseach ann an ùrnuigh, agus
biodh làn dòchas agad gu'm faigh thu do chridhe 'thoirt
na's fhaisge air Dia, mu'n èirich thu suas. 'Nuair a
dh-fhosglas tu do Bhìobull, no leabhar maith eile,
bitheadh dòchas agad gu'n coinnich thu earrann de'n
fhìrinn, maille ri beannachd an Spioraid, a bheir dhuit
bl&s na's mò air nèamh. 'Nuair a theid thu do thigh
Dhè a dheanamh aoraidh do Dhia, abair, " Tha mì 'an
dòchas gu'm faigh mì neart o Dhia a thogas m' aignidh-
ean suas, mu'm p\li m\ dhachaidh arìst ; tha mì 'an
dòchas gu'n coinnich an Spiorad rium agus gu'm mìlsich
è mo chridhe le sòlasaibh nèamhaidh ; tha mì 'an dòchas
gu'm 'foillsich Criosd e-fèin dhomh air an t-sligh sin,
agus gu'n dealraich solus o nèamh mu-n-cuairt dhomh',
agus gu'n cluinn m\ a ghuth a' teagasg agus ag ath-
bheothachadh m' anama, agus gu'n toir èair na ' lannan
tuiteam o mo shùilibh', chum gu'm faic mì na's mò de'n
ghlòir sin na chunnaic mì riamh roimhe. Tha m\ 'an
dòehas, mu'ra pìll mì, gu'n toir an Ti^hearn Iosa seall-
z3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence