Skip to main content

‹‹‹ prev (153) Page 133Page 133

(155) next ››› Page 135Page 135

(154) Page 134 -
134 Ar Fèum air a bhi gu dichiollach
u leasraidh" d' ìnntinn "a chrioslachadh suas," agus do
chridhe a làn-shuidheachadh air obair do shlàinte, a'
seasamh amach an aghaidh gach ana-cothroim agus
gach fochaid 'us bèum o'n t-saoghal, agus a' cur dhìot
' gach lethtroim, agus a' pheacaidh sin a ta gu furas ag
\adhadh umad, agus a' ruith le foighidin na rèis a
chuireadh romhad?' Eabh. 12. 1. Tha mì an dòchas
gur è sin do làn rùn. Ach o'n is maith is aithne dhomh-sa
an ragaireachd a ta ann an cridhe an duine, agus o-na
tha mì fìor dhùrachdach ag ìarraidh gu'm maireadh
d'anam-sa beò, guidheam ort, aon uair fathast, a' cheart
aire 'thoirt do na ceistibh a chuirear riut an so, agus
tha mi nis ag àithneadh dhuit o Dhia, Na mùch guth do
choguis, agus na diùlt faireachadh, ach freagair ìad gu
fìrinneach, agus thoir ùmhlachd gu toileach. Nise,
matà, na'm faigheadh tusa, bho bheatha dhiadhaidh,
saoibhreas, onoir, no àrd inbhe 's an saoghal so, fuasgladh
o easlaint, no bhi beò gu bràth ann an làn phailteas de
gach nì taitneach air thalamh, nach atharraicheadh tu
do chaithe-beatha agus nach deanadh tu saothair
dhùrachdach ann an seirbhis Dhè ? Ach nach ì Fois nan
naomh sonas a's òirdheirce na sin uiìe ? Na'n cuirteadh
gu bàs thu airson a bhi an diugh a' briseadh na Sàbaid,
a' dearmad aoradh teaghlaich, ùrnuigh uaignich, no 'bhi
mi-chùramach, olc 'n a do chaithe-beatha, ciamar a
dheanadh tu an sin ? Ach nach è am bàs sìorruidh a's
uamhasaiche na 'm bàs aimsireil ? Na'n deanadh Dia
peanas foillaiseach an diugh air gach gnìomh peacach,
mar a rinn è air Ananias agus Saphìra, (Gnìomh. 5.)
ciod an seòrsa caithe-beatha 'bhitheadh agad, a
pheacaich ? Ach nach è corruich shìorruidh a's uamhas-
aiche gu mòr na sin uile ?
Na'n tigeadh aon de do sheànn luchd-eòlais anis o na
mairbh, agus na'n ìnnseadh è dhuit gu'n robh è air a
phìanadh le cruaidh dhòruinn ann an ifrinn, o uair a
bhàis , airson nam peacaidhean sin de'm bheil thusa nis
ciontach, ciod an gnè chrèutair a bhitheadh annad an
dèigh sin ? Ach nach è rabhadh o Dhia cùis eagail a's mò
dhuit na eadhon sin. Na'n robh thu air do dheanamh
làn chìnnteach gur h so an là mu-dheireadh dhuit 's an
t-saoghal so, ciamar a chaitheadh tu è? Agus cha n-'eil

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence