Skip to main content

‹‹‹ prev (152) Page 132Page 132

(154) next ››› Page 134Page 134

(153) Page 133 -
ag ìarraidh Fois nan Naomh. 133
fe'in? Nach 'eil maighstear na's feàrr, obair na's taitniche,
misneachd na's mò, agus duais na's feàrr agad-sa? Bha
uair ann air an robh thusa dùrachdach ann an deanamh
seirbhis do Shàtan agus do'n fheòil, mur 'eil a' chùis
mar sin fathast. Nach bu dùrachdach thus' a' leantuinn
cleasachd, droch cuideachd agus ce'um a' pheacaidh !
Agus nach bi thu nis, matà, cho dìan, dhrachdach sin air
taobh Dhè ? Tha thu gus an là an diugh dùrachdach
mu nithibh na beatha so. 'Nuair a bhitheas tu t\nn,
no ann am pìan, nach dùrachdach a ni thu do ghearan
fèin? Ma tha thu bochd nach dìchiollach, cruaidh a
shaothraicheas tu airson do bheathachaidh ? Ach
nach 1 obair do theàrnaidh gu mòr a's luachmhoire na sin ?
Cha n-'eil fala-dhk ann an nèamh, no ann an ifrinn.
Tha làn shonas aig na naoimh air nèamh, agus làn truaighe
aig an t-sluagh mhallaichte ann an ifrinn. Cha n-'eil
moladh màll air nèamh, no caoidh mhàll 'an ifrinn.
Tha gach neach fior dhùrachdach an sin. 'Nuair a
ghairmear thus', a lèughadair, gu bàs agus breitheanas,
O ! sin an t-àm air an smuainich thu gu dìan, domhain,
gèur air sìorruidheachd ! Thar leam gu'm bheil mi
cheana 'g ad' f haicinn air do bhualadh le uamhas, ag
ràdh " ciamar a bha mise cho fada coma do na
nithibh sinl" Thar leam gu'n cluinn mì thu nis ag
è'igheachd amach an aghaidh do dhoille, do mhi-dùrachd
agus do ghòraich.
Agus anis, a lè'ughadair, air dhomh na h-argumaidean
mòra, fìor sin, nach gabh àicheadh, a Chur romhad, tha
mì, ann an ainm Dhè, nis ag ìarraidh do rùin — An àill,
no nach àill leat ùmhlachd a thoirt ? Tha mi cìnnteach
gu'm bheil do choguis fèin anis fo mhothachadh air do
dhleasanas. An dàna dhuit, matà, do chleachdadh mi-
chùramach, olc a leantuinn na's fhaide, a' dol an
aghaidh guth do re'usain, a' dol an aghaidh àithne Dhè*,
's an aghaidh. solus do choguis fèin ? An dàna dhuit a
bhi beò cho mi-shùimeil, a' peacachadh cho ladurna, agus
ag ùrnuigh cho ainmig 's a b'àbhaist dhuit roimhe so ?
An dàna dhuit a bhi fathast a' mi-naomhachadh na
Sàbaid, a' deanamh dearmaid 'us tàir' air aoradh Dhè,
's a bhi leisg, mi-chùramach mu do staid shìorruidh, mar
bha thu roimhe so ? No am bheil thu nis a' cur romhad

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence