Skip to main content

‹‹‹ prev (29) Page 9Page 9

(31) next ››› Page 11Page 11

(30) Page 10 -
10 Cunntas mu Nàdnr
solus da." Taisb. 21. 3. 23. " Agus cha bhi mallachcl
air bith ann ni's mò : ach bithidh rìgh-chaithir Dhè
agus an Uain innte ; agus ni a sheirbhisich seirbhis da.
Agus chi iad 'aghaidh ; agus bithidh 'ainm-san air clar
an eudain. Tha na briathra so dileas agus fYrinneach.
Agus na nithe sin a's èigin tachairt gu h-aithghearr."
Taisb. 22. 3, 4, 6. Their sinn anis le Mephiboset,
" Gabhadh" an saoghal "an t-iomlan, oir thig ar Tigh-
earn ann an sith." 2 Sam. 19. 30.
"Deanaibh gàirdeachas," uime sin, "anns an Tighearn
sibhse 'f hìreana." Salm 33. 1. Agus abraibh le Daibh-
idh " Is e an Tighearn cuibhrionn m'oighreachd. Thuit
mo roinn dhomh-sa ann an ionadaibh aoibhneach;
seadh, tha oighreachd thaitneach agam. Chuir mi an
Tighearn romham a ghnàth : a chionn gu bheil e air
mo dheas làimh, cha ghluaisear mi. Uime sin ni mo
chridhe aoibhneas, agus ni mo ghlòir gairdeachas :
gabhaidh m'f heòil mar an ceudna fois ann an dòchas.
Oir cha'n f hàg thu m'anam anns an uaigh : cha leig
thu le t'aon naomh truaillidheachd f haicinn. Feuchaidh
tu dhomh slighe na beatha : tha lànachd aoibhneis a'd'
lathair-sa : tha mòr shubhachas aig do dheas làimh gu
sìorruidh." Salm 16. 5-11. Nach bu ladurna dhuinn-ne
smuaineachadh, no labhairt air na nithibh glòrmhor sin,
mur labhradh Dia fèin ruinn orra roimhe so ? Cha bu
dàna dhomh smuaineachadh air àrd-Vnbhe nan naomh
anns a' bheatha so fèin, mur bitheadh è air a dheanamh
aithnichte dhomh le f ìrinn shoilleir Dhè. Xach bu mhi-
chìatach dhuinn labhairt umainn-fem mar " Chlann Dè —
a' labhairt ris—ann an co-chomunn ris — a'gabhail còmh-
nuidh ànn, agus esan annainn-ne," mur b'ì so càinnt
Dhè fèin 1 Ciamar bu dàna dhuinn aon uair smuaineach-
adh idir gu'm bheil sinn " a' dealrachadh mar a'
ghrìan," — gur " comh-oighreachan sinn maille ri
Criosd," — gu'n " toir sinn breth air an t-saoghal," —
gu'm bheil sinn " a' suidhe air rìgh-chaithir Chriosd,"
— gur " aon sinn ànn-san agus anns an Athair ?" Seadh,
ciamar bu dàna dhuinn sinn-fèin àrdachadh mar sin,
mar biodh làn ùghdarras againn o bheul agus fo làimh-
sgriobhaidh Dhè fèin ? Agus " an dubhairt e agus nach
dean e ? agus an do labhair e agus nach coimhlion se

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence