Skip to main content

‹‹‹ prev (28) Page 8Page 8

(30) next ››› Page 10Page 10

(29) Page 9 -
Fois nan Naomh m 9
naoimh, oir thug gràs dhoibh eòlas dorch agus blasad
beag air glòir. Ged thòisicheadh daoine agus ainglean
ri labhairt air àrd shonas na staide beannaichte so, ciod
eile a b'urrainn ìad a ràdh na's mò na so ann an aon
f hocal, Is è so dlùthlàn-mhealtuinn Dhè. ! cia mòr
an làn aoibhneas a ta air a thairgse do'n chreidmheach
le Criosd anns an aon rann so, " Athair, is àill leam an
dream a thug thu dhomh, gu'm bi iad maille rium, far
am bheil mi chum gu'm faic iad mo ghlòir a thug thu
dhomh." Eòin 17. 24. Tha gach focal dhiubh sin làn
beatha agus aoibhneis. B'aobhar iongantais glòir Shol-
aimh do bhàn-rìgh Shèba, ag rà-dh ris "Is sona do
dhaoine, is sona ìad so do sheirbhisich, a sheasas a' d'
fhianuis an còmhnuidh, ag èisdeachd ri d' ghliocas.
1 Rìgh 10. 8. Ach cia tuilleadh 'us sona ìadsan a
sheasas an còmhnuidh an làthair Dhè, a' faicinn a ghlòire
agus glòir 1 an Uain. Dhoibh-san " bheir Criosd ri ith-
eadh de chraoibh na beatha agus de'n mhana f holuichte,"
seadh, " ni èìad 'n am puist ann an teampull a Dhè, agus
cha tèid iad ni's mò amach às : agus sgrìobhaidh è ainm
a Dhè orra, agus ainm caithreach a Dhè, a's è Ierusalem
Nuadh a thig a nuas o nèamh o a Dhia, agus sgrìobh-
aidh e 'ainm nuadh fein orra," seadh tuilleadh f òs, ma's
urrainn tuilleadh a bhi ànn, "bheir e dhoibh comas
suidhe maille ris air a righ-chaithir." " Is ìad so iadsan
a thàinig & h-àmhghar mòr ; agus nigh iad an trusgain,
cigus rinn ìad geal ìad ann am fuil an Uain. Uime sin
tha iad an làthair rlgh-chaithreach Dhe, agus a' deanamh
aoraidh dhà a là agus a dh'oidhche 'n a theampull ; agus
gabhaidh an tì a ta 'n a shuidhe air an ììgh-chaithir
còmhnuidh 'n am measg. Beathaichidh an t-Uan a
tha am meadhon na rìgh-chaitlireach iad agus treòr-
aichidh è iad gu beò-thobraichibh uisge ; agus tior-
maichidh Dìa gach deur o'n sùilibh." Taisb. 2. 7;
Caib. 3. 12, 21 ; Caib. 7. 14-17. shaoghail dhoill,
bhreugaich, mheàllta ! Feuch dhuinn a leithid sin de
ghlòir, ma's urrainn thu ! Is è so caithir ar De far am
bheil "pàilliun Dhè maille ri daoinibh, agus ni esan
còmhnuidh maille riu, agus bithidh iadsan 'n an sluagli
dha, agus bithidh Dia fèin maille riu, agus 'n a Dhia
dhoibh. Shoillsich glòir Dhè e, agus is e an t-Uan a"s

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence