Skip to main content

‹‹‹ prev (14) Page viiiPage viii

(16) next ››› Page xPage x

(15) Page ix -
Eoimh-rddh. i.i
ach, ainmeil, ionnsuichte aig an robh barail àrd agus
mòr mheas air Mr. Bacster 'n a lìnn, araon mar
sgrìobhadair agus mar shearmonaiche comasach, soilleir,
dìleas. B'ànn diubh sin an t-Ard-easbuig Usher ( ;
an t-Easbuig Wilkins ; Dr. Barrow ; Dr. Bates ; Dr.
Calamy ; Dr. Manton ; Mr. Iain Ianeway ; Mr.
Tdmas Doolittle ; Mr. Flabhel ; Mr. Iòseph Alleine ;
Sir Nathaniel Barnardiston, &c. Thubhairt cuid diubh
sin gu'n " tàinig è na b'f haisge air dòigh sgrìobh-
aidh nan Abstol na thàinig duine sam-bith eiìe 'n a lìnn ;
gu'm bu leòr do aon lìnn duine cho comharraichte ri
Mr. Bacster a thoirt do'n t-saoghal ; nach robh eagal
air à mi-thlachd duine sam-bith, agus nach robh sùil
aige ri onoir o neach air-bith." Bmngantach, ann an
tomhas air-leth, a chomas searmonachaidh, a 1 fosg-
ladh, a' dearbhadh 's a' daingneachadh gach pùing le
argumaidibh soilleir, làidir, bunaichte air fìrinnibh nan
Sgriobtuir, agus air rèusan an daine, a' bualadh astigh
gu dìreach air cridheachan a luchd-èisdeachd le saigh-
dibh gèur na fìrinn, a' deargadh orra gu domhain, teànn,
a' dusgadh nan ciontach, a' rùsgadh an cionta dhoibh,
a' toirt pheacach mi-chùramach gu mothachadh air an
cionta agus air an truaighe, agus gu sìth 'us slàint
ìarraidh ann an Criosd. Is gann a b'urrainn anam
air-bith, mur robh è " mar nathair bhodhar," èirigh o
theagasg shoilleir, bheò an teachdaire spioradail so,
gun drùigheadh air. Glòir do Dhia, is iomadh anam
dorch, seachranach a f huair solus, agus sòlas, agus a
chaidh a threòracliadh gu " carraig na slainte" le teag-
asg ghlic an aodhaire ghlic so. " Tha briathra nan
daoine glice mar bhioraibh." Ecles. 12. 11. Mar sin
bha briathran an fhìrein so do chridheachan mliìltean.
Bha ìad mar chlaidheamh gèur dà fhaobhair ann an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence