Skip to main content

‹‹‹ prev (13) Page viiPage vii

(15) next ››› Page ixPage ix

(14) Page viii -
viii Roimh-radh.
os-ceànn teaghlach, no 'dhà eadar dà cheànn sràicle,
anns an robh aoradh Dhè air a chumail gach là ; ach
tre bheannachd Dhè air a shaothair, cha b'f had an dè'igh
sin, gus an tàinig atharrachadh mòr air an t-sluagh,
agus gus am facas toradh taitneach na fìor dhiadhachd
a' fàs suas-gù pailt ann an iomadh teaghlach. Air an
là 'dh'f hàg è Cidderminster cha n-f haighteadh os-ceànn
teaghlach no 'dhà ann an cuid de shràidibh a' bhaile
anns nach robh aoradh Dhè air a chumail gu riaghailt-
each. An àit fuaim na h-aingidheachd agus na mi-
naomhachd air " là an Tighearna," bha nis " an
fhuaim aoibhneach, ait" air feadh a' bhaile. Dh-f haod-
adh gach neach, a ghabhadh seachad air ?n t-sàbaid,
iomadh ceud teaghlach a chluinntinn a' seinn, ag
ùrnuigh, a' leughadh nan Sgriobtuir agus leabhraichean
maith eile, 'nuair nach robh \ad cruinn aig " aoradh
follaiseach an Tighearna" anns an eaglais.
Is pailt a bheannaich Dia saothair Mhaighstir Bacster
do mhuinntir Chidderminsteir. Mheudaich àireamh an
luchd-comanachaidh fo shearmonachadh an teachdaire
dhìleis so gu sea ceud, agus thubhairt e-fein { nach robh
dà anam dheug ameasg na h-àireimh sin mu nach
f haodadh deadh dhòchas a bhi aige, oir bha an caithe-
beatha diadhaidh a' còrdadh ri 'n aideachadh'. Agus
glòir do Dhia, faodar an spiorad diadhaidh, a chaidh
àrach mar sin, a lorgachadh amach fathast ann an cuid
de'n t-sluagh, araon anns a' bhaile sin agus 'n a choimh-
earsnachd. Hò ! b'f heàrr gu'n robh è na's mò I agus
air feadh gach àite anns am faighear ìarmad de 'n
spiorad sin beò fathast, gheibhear cuimhne thàingeil,
thaitneach air Mr. Bacster, agus ainmichear è le
urram agus gràdh.
Is iomadh diadhair mòr, agus duine tuigseach, eòl-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence