Skip to main content

‹‹‹ prev (205) Page 203Page 203

(207) next ››› Page 205Page 205

(206) Page 204 -
204 OSNAIDHEAN BHO IFRIXN,
ean gaolach ud, na gairmean 's na guidhean
saor ud do na h-uile seòrsa pheacach,
araon sean agus òg, beartach agus bochd, daor
agus saor, glic agus gòraeh. lad sin uile, bha
iad, tha iad, agus tha aobhar eagail cho fad
'sa mhaireas an saoghal, gu 'm bi iad air an
saltairt fo chasan nam muc ud (cha abair mi
daoine riu), a bhuanaicheas ann an deanamh
mar sud. Ach gabh beachd do chuid diù.
1. Comhaìrle Ciod a' chomhairle nèamhaidh a
tha sin, far am beil Criosd ag ràdh, " Ceannaich
uamsa òr air a dhearbhadh an teine, a chum
's gu'm bi thu saibhir, agus aodach geal, a
chum gu*n comhdaichear thu, agus nach bi
nàire do lomnochdaidh follaiseach," (Tais. iii.
17, 18.) Mar an ceudna sin, «'• Ho ! gach
neach air am beil tart thigibh a chum nan
uisgeachan, seadh thugibh ceannaichidh gun
airgead àgus gun luach f (Isa. Iv. 1.) " Eisd-
ibh, agus mairidh 'ur n-anaman beò," rann 3.
Gabhaidh greim do mo neart-sa, a chum
*s gu 'm faod sibh sìth a dheanamh-rium, agus
ni sibh bhur sìth rium, Isa. xxvii. 5.
2. Teagasg. Ciod an teagasg a tha 'n so !
*' Eisdibh ri teagasg, agus bithibh glic, agus
na diùltaibh e. Is beannaichte an duine a
dh' èìsdeas rium (arsa Criosd), a' faire aig mo
gheataidh gach làtha a' feitheamh aig ursann-
an nio dhorsan : oir es-an a gheibh mise,^
gheibh e beatha, agus gheibh e deagh-ghean
Deanaibh saothair cha-n ann air son a bhidh a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence