Skip to main content

‹‹‹ prev (204) Page 202Page 202

(206) next ››› Page 204Page 204

(205) Page 203 -
NO ACAIN ANMA DAMNAITE. 203
t-soisgeil, 's gur h.ann a tha iad do ghnà a'
strìgh, le dubhan agus cromag, mar a their
sinn, le mionnan,a'deanamh bhreug, mealladh,
caradh, goid, sannt, foirneart, foireigin, meall-
taireachd, duaisbhratha, miodal, no dòigh
sam bith eile, gu tuilleadh fhaotainn, ged
gheibh iad maille riù so, bàs, fearg, dam>
nadh, ifrinn, an diabhol, agus na h-uile phlàigh-
ean a 's urrainn Dia a thaomadh orra. Agus
ma bhios muinntir sam bith ann nach ruith
còmhla riu a chum an ana-mheasarrachd
cheudna, ach a roghainn air sin air son an uile
bhagraidhean, a bhios cho dàna agus cho neo-
chùramach (mar their iad) asgu leanmhainn ràid-
ean Dhè; mur urrainn iad tuilleadh a dhean-
amh, gidheadh geuraichidh iad an teangan colt-
ach ri claidheamh, chum an lot, agus an dochan
as mo is urrainn iad a dheanamh dhaibh, araon
ann an labhairt 'nan aghaidh r'an coimhears-
naich ri mnathan, ri fir-phòsta, ri uachdaranan-
fearainn, agus a' togail sgeuiachan brèi^e
mu'n dèibhinn. Achthugadhmuinntir marsinan
aire, aìr eagal gu 'm bi iad ann a leithid do staid
agus de chòr brònach dubhach anns an robh
esan, a thuirt an cràdh agus am pian anma,
'* Aon bhoinne do dh' uisge fuar gu fuarachadh
mo theanga."
Mur so dh* f haodainn mòran a chuir ris do
nithibhamach as an sgrìobhadh naomha, araon
bagraidhean agus geallaidhean, thuilleadh air
na comhairlfan nèamhaidh ud, na eronachair*

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence