Skip to main content

‹‹‹ prev (79) Page 77Page 77

(81) next ››› Page 79Page 79

(80) Page 78 -
78 OSNAIDHEAN BHO IFRINN,
inn, thug sibh ìomadh buille dhaibh ; agu^
a nise ann *ur feum agus ann 'ur teanntachd
a*s mò cha ghabh iad truas ribh. 'S ann a ni
an t-ionracan gàirdeachas a uair a chìe diogh-
altas Dhè ort. Salm Iviii. 10.
'' Agus cuir Lasarus." Uaithe so thugaibh
fainear, gu 'm bi neach sam bith do na naoimh
an uair sin air aideachadh leibh a bhi 'na naomh.
A nise tha sibh ga meas a bhi de luchd
co*-bharail Himeneuis agus Philetuis, ach an
uair ud chì sibh gur iad Lasarusan Dhè,
eadhon clann ghràdhach Dhè. Ged an dràsta
nach bi naoimh an Tighearn' air an aideachadh
leibh, air son gu 'm beil iad ainniseach, iosal,
bochd, suarach, 'n-'ur measg : gidheadh tha'n
latha a' tighinn gu 'n aidich sibh iad, gu 'n
iarr sibh an comunn, agus gu 'm bi sibh dèidheil
air a* chaoimhneas a 's lugha fhaotainn uapa.
'^ Cuir Lasarus, a chum 's gu 'n tùm e barr
a mheòir ann an uisge, agus gu 'm fuaraich e
nio theanga ; oir tha mi air mo ro-phianadh
anns an lasair so."
'S ann mar so a ghlaodhas na h-anmannan a
bhuanaicheas 'nan cuid peacannan a mach, ann
an searbhadas an spioraid, le àmghar iongant-
achagus cràdhcogais gun lasachadh: '' A chum
's gu'n tùm e barr a mheòir ann an uisge, agus
gu 'm fuaraich e mo theanga." A chum 's gu'n
tùm esan, eadhon an duine roimhe gu 'm bu
mhasladh leam gu 'n itheadh e comhla ri coin
mo threuda, a chuir mi suarach roimhe agus air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence