Skip to main content

‹‹‹ prev (78) Page 76Page 76

(80) next ››› Page 78Page 78

(79) Page 77 -
NO ACAIN ANMA DAMNAITE, 77
2. Thugaibh fainear, na naoimh ud nach
b'urrainn an saoghal ann an àm am beatha
f hulang, a nise 'nuair a tha iad air triall,
bhiodh iad toileach comunn a bhi aca maille
riu. " O nise cuir Lasarus !'' ged bha 'n t-àm
ann 'nuair nach robh spèis agam dha, gidh-
eadh a nise faigheam beagan comuinn maiUe
ris.
Ged tha 'n saoghal a' cur suarach comuinn,
cloinne Dhè an dràsta, gidheadh tha'n t-àm a'
tighinn anns am bu mhath leo an comunn a's
lugha a bhi aca maiUe riu. Cha-n e sin a
mhain, ach thoirt fainear, a' mhuinntir ud de
na nàoimh a ta nise ni's mò air an diùltadh
leo, eadhon bithidh iad subhach air son
comhfhurtachd uathasan, nam faodadh e bhith.
Cuir Lasarus : an tì sin a chuir mi suarach ni's
raò na mo chuid con an tì sin nach b' urrainn mi
fhulang tighinn a steach do mo thaigh, ach
a dh' fheumadh laidhe aig mo gheata, cuir esan :
a nise biodh Lasarus air a ghabhail gu taitneach
leam, a nise tha mi'g iarraidh cuid do chomfhurt-
achd uaithe ; falbhaidh e gun sin a thoirt
dhomh.
Uaithe sin a rithìst thugibh fainear ; gu 'm
beil àm a' tighinn, O sibhse a luchd-geur-
leanmhuinniargalta, choimheach air na naoimh,
gu 'n cuir iadsan sibhse suarach cho mòr sa
chuir sibhse riamh suarach iadsan. Thug
sibhse dhaibh-san iomadh facal cruaidh,
dh' innis sibh iomadh breug mu 'n dèibh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence