Skip to main content

‹‹‹ prev (5) Page 3Page 3

(7) next ››› Page 5Page 5

(6) Page 4 -
4
F. Chrutliaich Dia an duine fear agus
bean, a rèir a choslais fèin, ann an eòlas,
fìreantachd, agus naomhachd, le uachdar-
anachd os ceann nan creutairean.
1 1. C. Ciod iad oibre freasdail Dè ?
F. 'Siad oibre freasdail Dè, e bhi a'
coimhead agus a' riaghladh a chreutairean
uile le'n uile ghnìomharaibh, gu ro-naomh,
ro-ghlic, agus ro-chumhachdach.
12. C. Ciod om gnxornh àraid freasdail a rinnDia
a thaobh an duine san staid anns an do chruthaich-
eadh e ?
F. 'Nuair a chruthaich Dia an duine,
rinn e coimhcheangal beatha ris, ag iarraidh
ùmhlachd iomlan air mar chumha ; agus a'
toirmeasg dha itheadh do chraoibh eòlais
maith is uilc, fo phèin a bhàis.
13. C. An dfhan ar ceud sinnseara san staid anns
an do chruthaicheadh iad ?
F. Air bhi d'ar ceud sinnsearaibh air am
fàgail gu saorsa an toile fèin, thuit iad o'n
staid anns an do chruthaicheadh iad, le
peacachadh an aghaidh Dhè.
14. C. Ciod e peacadh ?
F. 'Se peacadh briseadh lagha Dhè.
15. C. Ciod am peacadh leis an do thuit ar ceud
sinnseara on staid anns an do chruthaicheadh iad?
F. B' e 'm peacadh leis an do thuit ar
ceud sinnseara o'n staid anns an do chruth-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence