Skip to main content

‹‹‹ prev (130) Page 126Page 126

(132) next ››› Page 128Page 128

(131) Page 127 -
LAOIDDEAN SPIORADAIL. 127
IX
Tha'n dara Adhamh so seasmhach oir cba tuit E gu siorruith,
Cha d'thig failinn na easbhuidh cha d'thig laigs' air na liathadh ;
So'na tha E gun choimeas gu 'el a thomhas neo-chriochnacb,
Is cha 'n urrainn sinn aithris a dhoimhneachd f had is a liad dhuibh.
X.
So an Tobar tigh Dhaibhi a ghlanas graineilachd cheudan,
So'an sliochd ud o Abra'm sa 'm bheil fabhar aig treubhan ;
'S E is gloir do na cinnich a rinn E fhiosrach le ghrasan,
A dh'ulìaich cuirm air an t-shliabh dhoibh 's E ro fhialuidh ga
'pairteach'.
AN DARA PAIRT MU' CHEALE, &c.
I.
'S ge'd nach d'fhuaras dha ceala mar bha Eubh do'n cheud
Adhamh,
Shirr is lorg E dha fein i ann an Eiphit na'n traillean ;
'S bu-neo choltach ris fein i 'si na creuchdachan graineil,
Salach, truailli, neo-gheanmni, uaibhreach, feargach, lan ardain.
II.
Sann bha breith is a duchas, o dhuthaich chanaain,
Oir a " b' Amorach a h- Athair 's b' an Hitteach a' mathair ;"
Sann a bha i do'n t-shluagh sin da'm bu shuaich 'ntas " Loami,"
Ge'd a fhuair iad on uaìr sin ainm nuadh se " Rubamah."
III.
Phaigh is cheannuich E daor i 's rinn E caochladh saor ghrais orr',
'S a h-ath nuadhach gu buileach o'a mulach gu 'sailtean ;
Dhuinn E callaid le droigheann's thug E mach i do'n fhasach,
'S rinn E cridhe ris aomadh 's thuig i'ghaol bhi gun fhailiung.
IV.
Rinn E glanadh sa leigheas, rinn E freag'rach dha fein i,
Rinn E naomh i a's diieas ann na cridhe 's na beusan ;
Rinn E gloirmhor na mais' i tha i barruicht 'thar cheudan,
'S chuir E trusgan don 'or orra agus mor-obair ghreis air.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence