Skip to main content

‹‹‹ prev (49) Page 47Page 47

(51) next ››› Page 49Page 49

(50) Page 48 -
48
gleidheadh tròcair thar oidhche, tha gach latha as
ùr a' toirt leo tròcairean as ùr do phobull Dè ; 's e
ceannaich is saoire ris na chòmhlaich pobull Dè
riamh ; ma tha sibh toiliehte leis a' bhathar, agus
leis an roinn is feàrr a fhreagarras sibh do ghràs-
aibh-san, cha'n fhada bhitheas sibh fèin agus esan
a' còrdadh mu'n luach : tha e reic a bhathar saor, a
chum gu'm feòraich sibh air son a bhuth-san a rithist,
agus tha e a' tarruing na fe'ille gu h-iomlan da
ionnsuidh fèin. Comhairlicheam dhuibh gu'n dol
seachad air Criosd ; agus a nis, 'nuair a ta e ri bhur
'n aghaidh an darna cuid peacachadh no fulang,
comhairlicheam dhuibh fulangas a roghnachadh, oir
bithidh rathad dol as bho chearnaidh air bith eile
cronail do mhath 'ur n-anama ; agus a chum bhur
misneachadh, cuimhnichibh nach 'eil e a' cur dream
air bith a mach a chogadh air an costus fèin ; agus
is beannuichte an duine sin a bheir a chùinneadh
uile do Chriosd ; is feàrr dhuibh dol da ionnsuidh-san,
'nuair a bhios sibh a dh'easbhuidh peighinn sporain,
agus mar is lugha a th'agaibh fèin 's ann is deònaiche
esan an tuille earbsa ribh, mar sin is feàrr dhuibh-sa
cumail dlù ri Criosd 'ur seann fhear eòlais; — 's e
bhi deanamh suas eòlais ri Tighearna coigreach, an
t-aon rathad gu lot a dheanamh ann an cliathaich
gràis, nach leighis gu h-ealamh, oir feudaidh craicionn
a bhi air an lot mu'm bì e air aleigheas; — oir is
maoth an ni gràs, agus tha e gle ullamh air èucal a
ghlacadh bho chùl-sleamhnachadh ar latha-ne ;
agus aon uair 's gu'm brisear a chùibhleachan le
peacadh, cha'n urrainn na h-uile maoidhean a th'anns
an t-saoghal a thoirt air siubhal a rithist gus an
cuirear ann an làmhaibh Chriosd e. Tha dòchas
agam gu'n d' thubhairt mi tuilleadh mu'n chùis so
na ruiginn a leas, oir chunnaic mi comharraidhean
cùram air a tharruing gu domhainn air 'ur giùlan ;
tha cor nan laithean cùl-sleamhnachaidh so 'g ar
cur-ne thuige gu bhur dichioll a dhùbìachadh ann a
bhi 'g iarraidh Dhè, oir tha e coslach gu bheil Dia
a' cur roimhe Ierusalem a rannsachadh le coinnlibh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence