Skip to main content

‹‹‹ prev (25) Page 23Page 23

(27) next ››› Page 25Page 25

(26) Page 24 -
24
maille ris-san aon uair a mhàin 'n a fhulangasaibh
agus 'n a bhuairibh, ach cha d'rinn sibhse sin : Ni
air son am bì thusa, O Albainn, air do dheanamh
a' d' chusbair d'a chorruich ann an ùine aith-
ghearr ; ach cha tèid Sasunn agus Eirinn mheadh-
bhlath agus chaoin-shuarrach as_, ach òlaidh iad as
deasgannan cùpain a chorruich. Ach gu cinnteach,
's e f'uil an fhuigheil a th'air an gèur-'Jeanmhuinn a
chàidh a dhòrtadh a chum fianuis a thoirt an
aghaidh meallaidhean, is fearr a labhras riut. —
O Albainn, theid fuigheall dhibh as, agus bithidh
iad n an cusbairean d' a throcair anns na tuiltibh
de chorruich a tha gu teachd air na tìribh so.
Seadh, thèid am fuigheall as aig an robh co'fhulang
r'a obair bhriste-san, ann an Sasunn agus ann an
Eirinn mheadh-bhlath ; ach tha eagal orm gu'm bì
an àireamh tearc. Mo chàirdean, b'àill leam impidh
a chuir oirbh leis na nithibh so, agus tha 'm f'ocal
eagallach so agam ri ìnnse dhuibh, nach robh làn
cho'thional co cudthromach do mhinisteir firinneach
bho chionn deich bliadhna fichead, ri aon fhear-
aidmheil an diugh. Tha eagal orm gu'n d'thubhairt
an Tighearna mar ann an Ier. xiv. 11. " Na guidh
as leth an t-sluaigh so : iadsan a ta air son bàis
a chum bàis ; agus iadsan a ta air-son a' chlaidh-
eimh, a chum a' chlaidheirnh ; agus iadsan a ta
air-son na gorta, chum na gorta/' &c. Agus ni
Dia dìoghaltas air na tìribh cùl-sleamhuachaidh so,
agus gu h-àraid ortsa Albainn strìopachail, oir cha
tèid a h-aon as bho'n Righ gus an diol-deirce ; uime
sin, O phobull Dè, teichibh gu luath do 'ur seom-
raichibh, mar chì sibh ann an Isa. xxvi. 20.
Oir tha eagal ormsa nach bì fasgadh ann gu h-aith-
ghearr.
Innseam tuilleadh dhuibh, tha eagal orm mu'n
tèid an stoirm thairis, gu bheil an là a' teachd airan
fhearann so anns am bì stoil-chasgairt fhuiìteach air
am meas 'n an deadh fhasgadh : — Uime sin, a pho-
bull Dè, creidibh na nithibh so, agus gabhaibh gu
cridhe iad : oir còmhluichidh sibh riu mu'n tèid an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence