Skip to main content

‹‹‹ prev (84) Page 84Page 84

(86) next ››› Page 86Page 86

(85) Page 85 -
85 -
Ma bhios sinn, trid na chuir sinn a sios, nar n-inn-
ealaibh trid beannuchadh Dhe, air inntinn sam bith a
shoillseachadh air a phuinc chudthromaich so — air an
dream sin a chreid roimhe anns a cheangal-eaglais
fhaicsinneach a tha eadar creidich agus an naoidheana
a dhaighneachadh na's diongmhalta ann an dearbh-
beachd uime — air mothuchadh, neartuchadh, agus soc-
ruchadh na dream sin a tha air ghluasad agus ann an
teagamh a thaobh na puinc so — air neach sam bith a
chaidh thairis chum na barail eile a tha'n aghaidh so a
thoirt air ais — na mhuinntir sin a tha toirt an cloinne
dh'ionnsuidh an orduigh so a neartuchadh gu so a
dheanamh le tuilleadh sith, comhfhurtachd, agus saorsa
inntinn, o mhothuchadh na 's soilleire gu bheil iad a
deanamh a reir aithne Chriosd; cha mheas sinn air
saothair a bhi diomhain anns an Tighearna. Co aca
a chaidh leinn an steidh air an do thoisich sinn a
dhaighneachadh anns gun robh naoidheana nan creid-
each fuidh gach frithealadh nam buill fhaicsinneach
do'n eaglais, tba sinn a fagail aig bhur smuainteachadh
agus breitheanas suidhichte agus cothromach fein a
shocruchadh. Ach, co aca a chaidh dhinn a dhearbh-
adh dhuibh, na chaidh leinn firinn na steidh so fhagail
soilleir dhuibh, na 'ur daighneachadh agus 'ur freumh-
ac^adh na's socruiche anns aghnothuch; faodaidh e
bhi air a cheaduchadh dhuinn a radh, gu bheil sinn
fein lan-thoilichte air a cheann so, agus uime sin gur
urrainn dhuinn mar ann an sealladh Dhe, agus le
creidimh ann a bhi deanamh an ni a tha reir a thoile,
agus le aontachadh lan agus neo-mhuchta ar coguis,
ordugh a bhaistidh a fhrithealadh do naoidheanaibh
pharanta' creideach;
t Tha sinn a criochnachadh le bhi gabhail leitbsgeil
airson uallach a chuir air bhur faighidin co fada; ni a
chaidh a dheanamh o chion toil gu buanachadh ann an
searmoinibh an deigh a cheile air a cheann chonnsuch-
aidh so, an t-eagal gu'n sealladh e mi-runach; agus
ann an dochas gum faic sibh na's furasda agus na's
soilIeire v firinn na steidh a dh'oidhirpeachadh a dhaio-h-
neactjadh, leis an dearbhadh air a thaobh a bhi afr a
H

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence