Skip to main content

‹‹‹ prev (83) Page 83Page 83

(85) next ››› Page 85Page 85

(84) Page 84 -
84
eaglais, gu'm bi an sliochd og ak an druideadh a mach:
tha Dia ag radh nuair a bhios iad air an aiseag, gu'm
bi e maille riusan agus ra'n sliochd mar a bha e roimhe
so. 3. Tha iadsan ag radh, ged a bha Iudhaich mhi-
chreideach air am briseadh dheth maille ra'n sliochd
og, gidheadh gu'm bi iad air an suidheachadh a ris tre
chreidimh, as an eugmhais : tha Dia ag radh, mar a
bha na geugan nadurra (na h-Iudhaich mhi-chreideach
maille ra'n cloinn) air am briseadh dheth tre mhi-
chreidimh; is amhuil, mar bunnaich iad ann am mi-
chreidimh, bithidh iad air an suidheachadh a ris, iad
fein san sliochd: maille ri iomlanachd nan Cinneach
agus an sliochd fein. 4. Tha iadsan ann an aon fhacal
ag' aontachadh gun seinn lionmhoireachd do chloinn
bhig ann an gloir, anns an eaglais shaorta gu h-ard,
nach do sheinn ciiu Dhe riamh air talamh ; ach cha
cheadaich iad do dh'aon d'an leithidibh sin do chloinn
bhig an comhara faicsinneach is lugha do cheangal a
bhi aca r'an eaglaisibh air thalamh.
Tha sinn direach a cur ris, gu bheil na h-earranna sin
uile leis am bheil iad a'g oidhirpachadh casan na riagh-
ailt chrubach acm a chumail na seasamh, nan dearbh-
aìdhean lan-thoilichte air e bhi iomcbuidh creidich a
thainig gu h-aois a bhaisteadh nach robh air am baist-
eadh roimhe; ach cha'n'eil lidedo dhearbhadh annta a
chomhdach nach bu choir da naoidheana nan creideach
a bhi air am baisteadh. An ni a tha dearbhaclh gur
coir do chreidich a thainig gu h-aois a bhi air am baist-
eadh, cha dearbhadh sam bith e nach coir d'an sliochd a
bhi air am baisteadh. Uime sin, mar eomhdaich a
mhuinntir a tha seasamh nar n-aghaidh, le aithne na
eieimpleir o'n f hirinn, gu bheil clann air an druideadh
amach a rioghachd neimh na eagìais an t-soisgeil,
cha'n'eil iad ri ni sam bith chum na criche; agus bidh
an ni gu tur neo-chomasach dhoibh a dheanamh, air
do'n Tighearn anns na h-earrannaibh lionmhor sin 5
agus ann na lethidibh sin do dh' atharachadh bbriath-
raibh is a rinn sinn ainmeachadh roimhe so, a chuir an
ceili gu ro aon-f hillte agus shoìlleir, gur " ann d'ann
leithidièh sin a ta rioghachd neimh" i

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence