Skip to main content

‹‹‹ prev (80) Page 80Page 80

(82) next ››› Page 82Page 82

(81) Page 81 -
81
achadh dhoibh suipeir aii Tighearn itheadh, agus soch-
airean eile mhealtuinn a bhuineas do bhuill a thainig gu
h-aois,na tha airson a radh nach'eil clann nan iochdarana
do'n rioghachd Bhreatunnach, o chionn nach'eil iad a
mealtuinn an iomlain do shoehairibh am parantaibh agus
nam muinntir a tha air teachd gu h-aois anns na cuisibh
araon, tha'n dream a tha fuidh aois, a faotainn an tearm-
uinn, agus a sealbhachadh nan sochairean, a tha'n aois
mheata aca a'g iarruidh. — Tha clann air an toirt fainear
le laghannaibh rioghachd Chriosd mar nam parant-
aibh. Nuair a ghearr na h-Iudhaich iad fein dheth
o'n eaglais le'ra mi chreidimh, bha'n clann og air an
gearradh dheth gu faicsinneach maille riu — bha na
geugan nadurra agus na meanglain uile a bha air na
geugan sin, air an gearradh dheth le cheile. Nuair a
bha na Cinnich air an gabhail a stigh na air an suidh-
eachadh san eaglais tre chreidimh, bha'n sliochd og
air an suidheachadh a stigh gu faicsinneach maille riu
— bha geugan a chroinn oluidh fhiadhaich air an aon-
adh ris a chrann fhior, maille ris an iomlan do na
meanglain ann an ceangal ris na geugaibh sin: — Is e
sin, ghearr na h-Iudhaich mhi-chreideach iad fein dheth
o'n eaglais maille ra'n sliochd og, agus a mheud da'n
sliochd sa thainig gu h-aois is nach do chreid; agus
bha na Cinnich chreideach air an suidheachadh san
eaglais maille ra 'n sliochd og, agus a mheud da'n
sliochd sa thainig gu h-aois a chreid. — Ach gu comh-
dhunadh,
Tba na Baistich ag radh gur coimh-cheangal re uine
araid a bha anns a choimh-cheangal a rinn Dia ri Ab-
raham: tha Dia ag radh gur coimh-cheangal siorruidh
a bha ann.* Tha iadsan ag radh, gur coimh-cheangai
araid agus rioghachdail a bha ann ri sìiochd Abrahaira
a reir na feoia: tha Dia ag radh, gum bu choimh-
cheangal e anns an robh uile cìiinnich na talmhainn ri
bhi air am beannuchadh.f Tha iadsan ag radh, gum
bu choimh-cheangal e a gheall tir Chanaain do shliochd
feolmhcr na nadurra Abrahaim, eadhoin dhoibh sin:
* Gin, xvii. 7. f Gin, xvii. 5.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence