Skip to main content

‹‹‹ prev (79) Page 79Page 79

(81) next ››› Page 81Page 81

(80) Page 80 -
90
cuid do bliuUl eaglais seach air cuid eile, cba'n'eil an
t-suil uime sin gu radh ris an laimh, oha'n ann do'n
chorp thu — na'n ceann ris na casaibh cha'n ann do'n
chorp sibh — ni mo a tha easbuigean gu radh ri deac-
onaibh, cha'n'eil sibh na'r buill do'n eaglais, a chionn
nach'eil sibh na'r n aodhairibh — ni mo tha deacona gu
radh ri fir eile a tha nam buill do'n eaglais, cha bhuin
sibhse do'n eaglais, a chionn nach'eil sibh 'nar luchd-
riaghìaidh — ni mo a tha iadsan da'm bheil e air a chead-
uchadh labhairt san eaglais, gu radh ri mnathan da'm
bheil e air aithne bhi nan tosd an sin, cha'n ann do'n
eaglais sibh, a chionn nach'eil coir agaibh air labhairt
san eaglais — ni mo tha iadsan aig am bheil coir gu
suidhe sios aig suipeir an Tighearna, gu radh ri naoidh-
eana agus ri cloinn aig nach'eil a choir sin, cha bhuin
sibhse do'n caglais, a chionn nach'eil e air a cheadach-
adh dhuibh suipeir an Tighearna itheadh : Do bhrigh,
ged nach'eil e air a cheaduchadh dhoibh fathast am
biadh laidir so ithe, tha'n Aodhair caomh gan aideach-
adh mar dhream a bhuineas do'n treud aige san — agus
mar an leithidibh sin, a tha gan giulan na uchd, agus
a toirt aithne do'n iomìan da eaglaisibh, agus gu h-
araid iad sin aig am bheii dreuchd annta, gus an aid-
eachadh anns a cheangal sin, agus am beathachadh
mar na h-uam aige san, le biadh agus le sochairibh
freagarach da'n suidheachadh agus da'n cor san am a
ta lathair.
Uime sin faodaidh naoidheana nan creideach a fhuair
baisteadh, a bhi air an toirt fainear fuidh chursa do
dhearbhadh agus do dh' oileineacbadh airson urram
agus sochairean is mo; nach failnich iad a mhealtuinn,
na's lugha na dhiultas iad eisdeachd ri teagasg, agus a
theid iad amach o'n eaglais; na, cosmhuiì ri Ismael mi-
naomha, fanaideach agus geur-leanmhuinneach a bhi
air an tilgeadh amach a teaghlach Abrahaim agus Dhe.*
Ann an aith-ghearr, cha'n'eil aon tuiìleadh steidh air-
son a radh nach'eil muinntir nach d'thainig gu h-aois
nam budl do'n eaglais, do bhrigh nach'eil e air a chead-
* Faicibh an cuir ris, aig an litir B.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence