Skip to main content

‹‹‹ prev (77) Page 77Page 77

(79) next ››› Page 79Page 79

(78) Page 78 -
78
amh mar sin, ach dearbhadh soilleir air gun do mhi-
ghnathaich iad ordugh Dhe. Tha cheist a tha air a
shaòilsinn a chuireadh a chlann Iudhach air an aith-
richibh, agus am freagradh a bha ra thoirt dhoibh,
(Ecsod. xii. 26, 27.) a daighneachadh a bheachd a thug
sinn cheana a thaobh druideadh a mach na cloinne o
chomh-pairteachadh ann an ordugh na caisge, gus am
biodh aca tuigse iomchuidh air a bhrigh agus air a
chrioch aige. Tha cheist a bha air a saoilsinn agus an
fhreagairt a bha air a seoladh chum a thoirt dhith mar
a leanas: — " Agus tarlaidh, 'nuair a their bhur clann
ruibh, Ciod is ciall duibh leis an t-seirbhais so? Gun
abair sibh, So iobairt caisg an Tighearna, a chaidh
thairis air tighibh chloinn Israeil 'san Eiphit, 'nuair
a bhuail e na h-Eiphitich, agus a shaor e ar tighean-
ne." A nis, nam biodh a chlann iad fein air a bhi
comh-pairteachadh do'n ordugh so, sann a bi cheisd
gu nadurra, Ciod is ciall duinne leis an t-seirbhais so ?
air dhoibh fein a bhi dol air an aghaidh innte maille
ra'm parantaibh, agus cha bi, K Ciod is ciall duibh leis
an t-seirbhais so?" ni a tha gu soilleir a giulan a bheachd
nach robh a chlann amhain ach nan luchd-amhairc,
agus gur h-iad an dream a thainig gu h-aois amhain a
chomh-pairtich. — Tha e gun amharus air a radh, nuair
a chaidh a chaisg a chur air chois, agus fada mu'm
b'urrainn dhi bhi air a coimhead ann an Ierusalem,
gun robh uan gu bhi air a mharbhadh, air a rostadh,
agus air itheadh anns gach tigh; ach cha'n'eil so air
chor sam bith ag radh, na eadhoin a cialluchadh, gun
robh gach ball anns an tigh agus san teaghlach ri ith-
eadh dheth, ach amhain iad sin a bha gu nadurra com-
asach, agus a shealbhaich na buaidhean modhannail a
bha air an iarruidh. Tha cainnt choitchionn do'n ghne
so anabarrach tric anns na scriobhainnìbh naomha,
agus tha gun amharus anns na h-uile scriobhadh, agus
gun air chor sara bith a cialluchadh ni sonruicht eadar-
dhealuichte: Mar so tha e air a radh (Eabh. xi. 29,)
mu na h-Israeilich, " tre chreidimh chaidh iad trid na
mara ruaidh mar tre thalamh tioram:" ach cha'n'eil
sinn ri shaoilsinn gu 'n deachaidh an t-iomlan do 'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence