Skip to main content

‹‹‹ prev (76) Page 76Page 76

(78) next ››› Page 78Page 78

(77) Page 77 -
71
bhi air an giulan air an aghaidh Ie seorsa eigin do
charbadaibh na innealaibh iomchair, na ann an gaird-
einibh, na air ghuaillibh am parantaibh na an caìrdibh
— ni nach'eil ro-chosmhuil, o'n aireimh ro mhor do
chloinn a dh'f heumadh a bhi mar so air an giulan a
suas airson an aobhair: — agus air h-uile cor bha e
feumail do gach neach a dh'ith a chaisg gun itheadh e
le leasruidh criosraichte — le bhrogaibh air a chasaibh
— le luirg na laimh — Ie aran neo-ghoirtichte — agus le
luibhibh searbh : agus gu cinnteach cha'n'eil e'g iarr-
aidh moran geire-inntinn gu fhaicinn nach b'urrainn
duil a bhi gun deanadh aireimh ro mhor do chloinn o
dha bhliadhna gu ceithir bliadana dh'aois, na eadhoin
os a chionn, air an uigheamachadh anns an doigh so
an fheisd a choirahead le moran deadh-mhaise, suidh-
eachadh inntinn, na orduigh; agus, uime sin, leis na
h-uile ni dhiu sin a thoirt fainear, cha'n'eil e sealltuinn
cosmhuil gun robh an leithidibh sin do chloinn air an
giulan air falbh agus uigheamaichte mar so, na gun
d'ith iad a chaisg.
Mar so, an deigh na'm briathran so gun d' ith a
chlann ludhach uile a chaisg, cha'n urrainn iide do
dhearbhadh a bhi air a thoirt air aghaidh, co fada sa's
fios duinne, a thaobh na h-aoise san do thoisich a chlann
sin air an f heisd sin a choimhead, na ciod na nithe son-
ruichte a bha air an iarraidh roimh laimh airson a bhi
air an leigeadh air an aghaidh da ionnsuidh. Ach,
mar a bha aideachadh a bhi creidsinn ann an Dia Is-
raeil, agus anns a Mhesias a bha gu teachd air iarruidh
air na Cinnich a bha air an iompachadh gu creidimh
nan ludhach, mu'n robh iad air an timchiolì-ghearradh
na air an leigeadh air an aghaidh dh'ionnsuidh na feisde
so, cha'n'eil aon aobhar againn a shaoilsinn gun robh
aon choir aig clann nan ludhach fein air teachd air an
aghaidh ga ionnsuidh, ach le leithid cheudna do dh'aid-
mheil a dheanamh; agus Ie cheaduchadh gun d'rinn
moran dhiu itheadh gu neo-iomchuidh dheth, eadhon
gu breitheanas saoghalta, agus as eugmhais a leithid
sin do dh'aidmheil a dheanamh, cha robh so na dhearbh-
adh air gun robh ughdaras sam bith aca chum a dhean-
G 3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence