Skip to main content

‹‹‹ prev (71) Page 71Page 71

(73) next ››› Page 73Page 73

(72) Page 72 -
72
ceannard teaghlaich air an cuir sios ann an doigh air
bith eile» Gheibh sinn an sin baisteadh nan creideach,
maille ra'n teaghlaichibh, co aca a bha iad nan ludh-
aich na nan Cinnich, air a chuir sios mar ni coitchionn
— mar ni nach do dhuisg ioghnadh sam bith — ni a bi
chleachduinn aithnichte agus choitchionn: ann an aith-
ghhearr, air a chur sios anns a cheart doigh cheudna
anns am faodadh duil a bhi againn ri timchioll-ghearr-
adh chreideach agus an teaghlaichean a bhi air a chur
sios, nam biodh an sean ordugh air buanachadh, agus
deisciobuil f haicsinneach coimh-cheangail Abrahaim
air buanachadh an ni ceudna a bha iad roimhe. Mar
so bha Cornelius air a bhaisteadh maille ra theaghlach
— bha fear coimhead a phriosain ann am Philipi air a
bhaisteadh, e fein agus a mhuinntir uiìe — agus bha
Stephanas mar an ceudna air a bhaisteadh maiìle r ? a
theaghlach. Ni mo bu choir dha bhi air a dhearmad,
gur ann le fior dhroch choslas a tha Baistich a diteadh
ar cleachduinn, ag radb, nach'ei! eiseimpieir na aithne
airson clann a bhaisteadh — o nach urraion dhoiòhsan
an t-aon ni nan ni eile a thoirt air aghaidh ann an cum-
ail suas an cleachduinn fein, anns an ni sam bheil iad
a'g eadar-dhealuchadh uainne a thaobh na muinntir a
thainig gu h-aois.
Ann e bhi na ni cothromach cinnich a thainig gu h-
aois a bhaisteadh, air dhoibh a bhi air an iompachadh
chum a chreidimh Chriosdui, tha sinn a dh'aon bheachd
rius agus a deanamh mar sin mar an ceudna; uime
sin, anns a chuid so da'n riaghailt, co fada sa bhuineas
e do'n dream aig am bheil coir air, cha'n'eil eadar-
dhealuchadh ann. Ach is e eadar-dhealuchadh na
riaghailt acasan co fada sa tha iad a toirt fainear do
dh' ordugh a bhaistidh, a bhi g' ath-bhaisteadh cloinne
luchd-aidmheil, a bha air am baisteadh cheana. A' nis,
ga leigeadh seachad car tiota gar e baisteadh aon chuid
dortadh na crathadh, agus a'g aontachadh, air sgath
argumaid, gur e cuir fodha amhain baisteadh ; gidheadh
chathaicheadh iad air an aon doigh am feum a bha
acasan a chaidh a chuir fodha air a bhi air ath-bhaist-
eadh, co maith ris an dream a chaidh a chrathadh nan

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence