Skip to main content

‹‹‹ prev (70) Page 70Page 70

(72) next ››› Page 72Page 72

(71) Page 71 -
71
dream a tha ri aidmheil choltach air a chreidimh, maille
ra'n naoidheanaibh, agus a mheud da'n sliochd sa thainig
gu h-aois agus da'n seirbhaisich sa tha ris an aidmheil
cheudna, tha na h-uile reusan againn a chreidsinn, gum
be'n ccart mhodh ceudna anns an d'rinn na h-Iudhaich
deisciobuil agus an do thimchioll-ghearr iad coigrich
agus an teaghlaichean. — Cha'n urrainn dhuinn aon
doigh fhaicinn, (na's lugha na bhiodh e air a radh Ie
Iosa, " Imichibhse, deanaibh deisciobuil do gach uile
chinneach, 'gam baisteadh ann an ainm an Athar, agus
a' Mhic, agus an Spioraid naoimh, ach anns gach cuis
a fagail na cloinne aig na deisciobuil aidmheilach gun
bhaisteadh,") air an robh e comasach do na h-abstolaibh
aa Tighearn agus am Maighstir a thuigsinn ann a bhi
druideadh a mach naoidheana nan creideach o bhaist-
eadh; gu h-araid 'nuair a bheir sinn fainear an doigk
air deanamh dheisciobnl do dhaoinibh a bhuadhaich gu
ruige so, agus a bhrigh a b' eigin do na h-abstoil a
cheangal ris an aithne so gu deisciobuil a dheanamh do
na cinnich : oir, o nach robh seorsa sam bith dhaoine
anns na duchannaibh air an druideadh amach tha 'n
comh-dhunadh do-sheachnadh, gun robh na h-uile
seorsa dhaoine a bha deanamh a suas nan duchannaibb,
gun eadar-dhealuchadh na fagail a macb, comasach air
a bhi air an deanamh nan deisciobuil, agus uime sin air
a bhi air am baisteadh.
Gu fìrinneach, tha'n a tha againn do dh'eachdrai na
h-eaglais ann an linn nan abstol, ui)e gu leir eu-cosmhuil
ri scriobhadh sam bith air doigh dol air aghaidh nam
Baisteach ann an sgaoileadh an t-soisgeil ann an duch-
annaibh nan cinneach. — Cuin a leughas sinn nan leabh-
arichibh mios, na raithe, na bliadhna, nan cunntais o
am gu h-am ma leithicl so na leithid sud a mhnaoi
do na cinnich a bhi air a h-iompochadh agus air a baist-
eadh maille ra teaghlach ? na mu lethid so na leithid
sud do dhuine do na cinnich a bhi air iompachadh agus
air a bhaisteadh, e fein, agus a mhuinntir uile, gun
dail ? Ach nuair a thionndaidheas sinn a dh'ionnsuidh
an Tiomnaidh Nuaidh, cha 'n f haigh sinn, ann an aon
eiseimpleir, an t-iompachadh agus am baisteadh aig

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence