Skip to main content

‹‹‹ prev (10) Page 10Page 10

(12) next ››› Page 12Page 12

(11) Page 11 -
11
agus nighean; a leig ris gun robh ordugh an t-soisgeil
a ruigheachd na b' fhaide, na'n timchioll-ghearradh;
a reir briathran Phoil a tha labhairt air a mhodh so.
" Oir is sibhse uile mic Dhe tre chreidimh ann an Iosa
Criosd. Oir a mheud agaibh 'sa bhaisteadh do Chriosd,
chuir sibh umaibh Criosd. Cha'n'eil ludhach no
Greugach, cha 'n 'eil saor no daor, cha 'n 'eil firionn
na bainionn ann: oir is aon sibh uile ann an Iosa
Criosd. Agus ma 's le Criosd sibh, is sibh siol Ab-
rahaim gun amharus, agus is oighreacha sibh a reir a
gheallaidh." GaL iii. 26—29. Uime sin cha'n'eil soch-
airean na cloinne na 's lugha fuidh linn an t-soisgeil,
ach gu mor na 's mo; air do 'n bhaisteadh a bhi ruigh-
eachd air an da thaobh; eadhon air a chlann nighean
co maith 's air a chlann ghillean. Air an amhuil
cheudna, an t-ordugh a tha againn an aite an uain
chaisge, tha e soilleir gun robh e air a thoirt fainear
air na h-uile ceud latha do'n t-seachduin, an aite uair
sa bhliadhna; eadhoin ordugh suipeir an Tighearna.
A nis leis an timchioll-ghearradh a chumail san amh-
arc agus na's urrainn dhuinn fhoghlum o'n Tiomnadh
Nuadh, maiìle ri eachdrui nah-eaglais; lan-dearbhaidh
e gun robh naoidheana nan creideach air am baisteadh
ann an laithibh nan abstol; air chor is gur ann uath-
asan aghabhamaid ar n-ughdaras.
Ach b'aill leis na Baisticli gun cuireadh iad an neo-
brigh an argumaid againtì, a reir ar beachd fein air a
ghnothuch; le radh, 'S eigin duibh aideachadh nach
robh sibh nar creidich nuair a chaidh air baisteadh,
na 'ur parantaibh, na faodaidh e bhith am fear a f hrith-
eil e, uime sin ciod a choir a bha agaibh air? Da so
tha sinn a freagairt, nach 'eil creidimh air iarruidh air
naoidhein ann ach o'n is i toil Dhe ordugh a bhi air a
fhrithealadh dhoibh, a thoirt dhoibh, gun chonnsuch-
adh sam bith ris an Ti a dh' aithn e; ma bha araon
na parantan agus am fear a fhritheil e aineolach, agus
nan anacreidich, air dhoibh an t-o,rdugh fhaotainn,
agus e bhi air a fhrithealadh ìe h-uisge ann an ainm
an Athar, a Mhic, agus an Spioraid Naoimh, cha'n'eil
feum air a f hrithealadh an dara uair. Ach nach'eil a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence